Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Cadal Cuain le Catriona Watt

catwatt

Thoir sùil an lèirmheas a rinn Joy Dunlop air a' chiad chlàr bho Chatriona Watt, Neach-ciùil Traidiseanta na bliadhna 2007

Bhon a bhuannaich seinneadair òg Leòdhasach farpais BBC Rèidio Alba airson Neach-ciùil Traidiseanta 2007, tha sinn air a bhith a’ feitheamh ris a’ chiad chlàr bhuaipe agus, mu dheireadh thall, tha e againn. Chaidh “Cadal Cuain” le Catrìona Watt a chur air bhog aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh agus tha e na fhìor dhearbhadh air cho airidh ’s a bha i air an duais a fhuair i. ’S e clàr anabarrach ceòlmhor a th’ aice, le tuigse agus co-fhaireachdainn Catrìona follaiseach anns gach òran. Tha a guth làidir ach blàth agus tha i ga chleachdadh gu cumhachdach ann an òrain lethid “Ailein Duinn” agus “An t-Aingeal Dìona”. Tha an ceòl-taice daonnan ealanta gun a bhith ro làidir agus tha measgachadh inntinneach aice de dh’òrain luaidh, “A’ Bhean Eudach”, òrain aithnichte, “Nan tigeadh tu idir”, agus feadhainn san t-seann nòs “Cadal Cuain”. Ged a tha iad uile rim moladh, dhòmhsa ’s e “Òran Dealachaidh”, a tha i a’ seinn cuide ri a seanmhair, a tha gu h-àraidh tarraingeach; cha mhòr gun urrainnear na guthan aca a sgaradh bho chèile. Chan ann tric a gheibhear clàran a tha a’ glacadh d’ aire bho thoiseach gu deireadh ach le “Cadal Cuain” ’s e sin a th’ againn. Ma tha an clàr seo na shamhla air slighe Catrìona san àm ri teachd, tha e follaiseach gu bheil soirbheachas mòr roimhpe, rud a tha mi cinnteach nach bi fada gun tighinn.

Joy Dunlop

Follow us on: