Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Cadal Cuain le Catriona Watt Cadal Cuain by Catriona Watt Cadal Cuain by Catriona WattCadal Cuain le Catriona Watt
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Thoir sùil air an lèirmheas (review) seo a rinn Joy Dunlop air a' chiad clàr bho Chatrìona Watt, Neach-ciùil Traidiseanta na bliadhna 2007
Bhuannaich an seinneadair òg Catrìona Watt à Leòdhas an fharpais (competition) aig BBC Rèidio Alba airson Neach-ciùil Traidiseanta 2007, agus tha sinn air a bhith feitheamh ris a’ chiad chlàr (album) aice bhon uair sin. Tha e againn a-nis, oir chaidh “Cadal Cuain” a chur air bhog (launched) aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh, agus tha e gu math follaiseach (obvious/apparent) carson a fhuair i an duais. Tha an ceòl air a’ chlàr aice fìor mhath, agus cluinnidh tu tuigse agus faireachdainnean Catrìona anns gach òran. Tha an guth aice làidir agus blàth, agus tha i a’ seinn gu cumhachdach (powerfully) ann an òrain mar “Ailein Duinn” agus “An t-Aingeal Dìona”. Tha an luchd-ciùil a tha a’ cumail taic rithe gu math ealanta (skilled) agus tha measgachadh inntinneach aice de dh’òrain luaidh (waulking songs), mar “A’ Bhean Eudach”, agus òrain ainmeil, mar “Nan tigeadh tu idir”, agus tha feadhainn ann san t-seann nòs (traditional style). Tha na h-òrain uile math, ach dhòmhsa tha “Òran Dealachaidh”, a tha i a’ seinn còmhla ri a seanmhair, uabhasach math. Tha an dithis aca mar aon ghuth a’ seinn. Chan ann tric tha clàran againn a tha math bho thoiseach gu deireadh a’ chlàir, ach tha seo fìor mu “Cadal Cuain”. Ma tha an clàr seo a’ sealltainn dè tha an dàn do (what’s in store for) Chatrìona san àm ri teachd (in the future), tha e follaiseach gu bheil i a’ dol a bhith gu math soirbheachail (successful).