Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Duaisean Luchd-ionnsachaidh Siorrachd Lannraig a Tuath

mayor+pupil

Tha tòrr aca a bhith moiteil às ann an Lannraig a Tuath.....

Bha mygaelic.com an làthair aig oidhche shònraichte ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, Duaisean Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, far an robh e follaiseach gu bheil an sgìre na h-eisimpleir mìorbhaileach a thaobh leasachadh na Gàidhlig agus a thaobh nas urrainnear a dhèanamh airson an cànan.

Tha iomadh seòrsa tachartais Gàidhlig ga chumail ann an sgìre na Comhairle seo agus cuideachd tha buidhnean Gàidhlig san sgìre mar a chithear gu h-ìosal. ’S e oidhche air leth a bh’ ann, a’ comharrachadh na h-oidhirp mhòr a rinn luchd-ionnsachaidh san sgìre.

Chaidh duaisean a thoirt do mheasgachadh de luchd-ionnsachaidh bho na diofar chlasaichean agus iomairtean Gàidhlig bho air feadh na sgìre le Pròbhaist Tom Curley. Bhruidhinn Murchadh MacÌomhair, Ceannard Stòrais an Fhoghlaim, air an adhartas mhòr a tha a’ chomhairle seo air a dhèanamh gu sònraichte le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil Chondorrat, aon de na sgoiltean as fheàrr ann an Alba, agus bhruidhinn e mu Fhèis Lannraig a Tuath agus mar as i a-nis an fhèis as motha ann an Alba taobh a-muigh na Gaidhealtachd.

Bha ceòl gu leòr ri chluinntinn air an oidhche bho sgoilearan Bhun-sgoil Chondorrat, bho Chòisir Ghàidhlig Chomar nan Allt, na seinneadairean Emma agus Raonaid Deans agus neach-ciuil air a’ bhocsa.

Thuirt John Sweeney, Prìomh Oifigear Leasachaidh Choimhearsnachdan, gu robh an iarraidh air a’ Ghàidhlig air sìor fhàs thairis air na 4 bliadhna a chaidh seachad agus gu robh dùil aca ri clas ùr a thòiseachadh am-bliadhna – Òran Luaidh. Tha ceanglaichean dlùth aig a’ Chomhairle seo ri Gàidheil ann an Alba Nuadh agus Èirinn agus tha iad a’ dol a chur turas co-obrachaidh air dòigh a-rithist am-bliadhna còmhla riutha. Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh air Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, cuiribh fios gu John Sweeney air 0141 304 1929 no aig sweeneyjohn@northlan.gov.uk

Buidhnean agus clasaichean Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath:

  • Clasaichean Gàidhlig
  • Cearcall – buidheann ionnsachaidh airson teaghlaichean
  • Slàinte tro mheadhan na Gàidhlig
  • Fòram Lannraig a Tuath
  • Sradagan
  • Cròileagan
  • Fèis (an tè as motha taobh a-muigh na Gaidhealtachd!)
  • Playscheme
  • Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt
  • Club Camanachd
  • Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – Bun-sgoil Chondorrat agus Àrd-sgoil Greenfaulds

Loretta Docherty, An Àrd Ruigh

Tha Loretta air a bhith a’ frithealadh chlasaichean Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath on t-Sultain 2008 gach madainn Dhisathairne, agus chan eil i air gin dhuibh a chall on a thòisich i! Thòisich am balach òg aice aig Bun-sgoil Chondorrat agus air sgàth sin, rinn Loretta co-dhùnadh a dhol gu clasaichean Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd. Tha na clasaichean seo a’ còrdadh ri Loretta gu mòr agus tha e furasta dhi a dhol ann fiu ’s leis an leanabh aice, seach gu bheil a’ chomhairle a’ ruith sgeama-cluiche airson clann aig an aon àm. Thuirt Loretta gun do chuir an sgoil fàilte mhòr air an teaghlach air fad nuair a thòisich am balach aice agus tha i air tòrr charaidean a lorg bho bhith a’ coinneachadh ri daoine ùra. Tha i faighinn a’ chothruim a’ Ghàidhlig aice a chleachdadh am measg nan caraidean ùra seo agus cuideachd leis a’ bhalach aice.

gaelic class

cumbernauldchoir

condorrat primaryfolkgroup

Follow us on: