Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Duaisean Luchd-ionnsachaidh Siorrachd Lannraig a Tuath

mayor+pupil

Tha tòrr aca a bhith moiteil (proud) às ann an Lannraig a Tuath......

Chaidh daoine bho mygaelic.com gu oidhche shònraichte ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, Duaisean Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, far an d’ fhuair sinn a-mach mu na rudan mìorbhaileach (marvellous) a tha a’ tachairt san sgìre a thaobh leasachadh (development) na Gàidhlig agus bha an oidhche cuideachd a’ sealltainn dè as urrainn dhut a dhèanamh airson a’ chànain.

Tha tòrr a’ dol a thaobh na Gàidhlig ann an sgìre na Comhairle seo, agus tha gu leòr bhuidhnean Gàidhlig ann mar a chì thu gu h-ìosal. ’S e oidhche air leth math a bh’ ann agus bha daoine a’ comharrachadh cho math ’s a rinn luchd-ionnsachaidh san sgìre.

Fhuair feadhainn den luchd-ionnsachaidh a bha an sàs anns na diofar chlasaichean agus iomairtean (initiatives) Gàidhlig duaisean bhon Phròbhaist (Provost) Tom Curley. Bhruidhinn Murchadh MacÌomhair, Ceannard Stòrais an Fhoghlaim (Head of Education Resources), mun adhartas mòr a bha a’ chomhairle a’ dèanamh, gu sònraichte a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoil Chondorrat, aon de na sgoiltean as fheàrr ann an Alba. Bhruidhinn e cuideachd mu Fhèis Lannraig a Tuath: ’s i an fhèis as motha ann an Alba taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Bha gu leòr ceòl ri chluinntinn air an oidhche bho sgoilearan bho Bhun-sgoil Chondorrat, bho Chòisir Ghàidhlig Chomar nan Allt, bho na seinneadairean Emma agus Raonaid Deans agus bho neach-ciùil air a’ bhogsa.

Thuirt John Sweeney, Prìomh Oifigear Leasachaidh Choimhearsnachdan, gu robh iarraidh (demand) air a’ Ghàidhlig air fàs gu mòr thairis air na 4 bliadhna a chaidh seachad agus thuirt e gu robh iad an dòchas clas ùr a thòiseachadh am-bliadhna – Òran Luaidh (Walking Songs). Tha ceanglaichean dlùth (close ties) eadar a’ Chomhairle agus Gàidheil ann an Alba Nuadh agus Èirinn, agus tha iad a’ dol a chur turas air dòigh am-bliadhna a-rithist, far am bi cothrom togail air na ceanglaichean seo. Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh air Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, cuiribh fios gu John Sweeney air 0141 304 1929 no aig sweeneyjohn@northlan.gov.uk

Buidhnean agus clasaichean Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath:

  • Clasaichean Gàidhlig
  • Cearcall – buidheann ionnsachaidh airson teaghlaichean
  • Slàinte tro mheadhan na Gàidhlig
  • Fòram Lannraig a Tuath
  • Sradagan
  • Cròileagan
  • Fèis (an tè as motha taobh a-muigh na Gaidhealtachd!)
  • Playscheme
  • Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt
  • Club Camanachd
  • Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – Bun-sgoil Chondorrat agus Àrd-sgoil Greenfaulds

Loretta Docherty, An Àrd Ruigh

Tha Loretta air a bhith a’ dol gu clasaichean Gàidhlig ann an Lannraig a Tuath on t-Sultain 2008 gach madainn Dhisathairne, agus chan eil i air aon chlas a chall (missed) on a thòisich i! Thòisich am balach òg aice aig Bun-sgoil Chondorrat agus air sgàth sin, bha Loretta ag iarraidh a dhol gu clasaichean Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd. Tha na clasaichean seo a’ còrdadh ri Loretta gu mòr agus tha e furasta dhi a dhol gu na clasaichean fiu ’s (even) leis an leanabh aice, oir tha a’ chomhairle a’ ruith sgeama-cluiche airson clann aig an aon àm. Thuirt Loretta gun do chuir an sgoil fàilte mhòr air an teaghlach air fad nuair a thòisich am balach aice agus tha i air tòrr charaidean a lorg bho bhith a’ coinneachadh ri daoine ùra. Tha i faighinn cothrom a’ Ghàidhlig aice a chleachdadh am measg nan caraidean ùra seo agus cuideachd leis a’ bhalach aice.

gaelic class

cumbernauldchoir

condorrat primaryfolkgroup

Follow us on: