- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Lèirmheas (review) air Oran ùr do Mhuile
Oran ùr do Mhuile, a' comharrachadh Mòd Ionadach na Dreòlluinn aig aois 70 bliadhna. Thoir sùil air dè bha mygaelic.com a smaoineachadh air.....
4 rionnagan (stars)
‘S e clàr (album) ùr a th’ ann an Òran ùr do Mhuile le measgachadh breàgha de dh’òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh le sgrìobhadairean agus luchd-ciuil. Chaidh an clàr a dhèanamh mar phàirt de cho-fharpais (competition) ùr gus Mòd Ionadach na Dreòlluinn (old name for Mull) a chomharrachdh (celebrate), tha am Mòd air a bhith a’ dol airson 70 bliadhna a-nis.
Tha na h-òrain gu math inntinneach, agus tha iad a’ coimhead air diofar chuspairean mar an t-Eilean fhèin, eachdraidh an eilein, Gàidhlig, sgeulachdan bhon eilean mu ghaol. Agus tha fiu ’s (even) òran bho Bhana-Mhuileach gu math òg, Shannon NicIlleathain, ann agus chan ann mu dheidhinn Muile idir a sgrìobh i ach mu a brathair, Sean!
Tha na seinneadairean ionadail Kirsty NicFhionghain agus Alasdair MacIlleBhàin a’ seinn a h-uile òran air a’ chlàr ach aonan, an t-òran aig Shannon, agus ged a tha na h-òrain agus cèol nan òran gu math eadar-dhealaichte, tha Kirsty agus Alasdair a’ dèanamh glè mhath. Bha na h-òrain ‘A Mhuile Nam Beann’ agus ‘Gheibhinn Cadal Math’ (trac 1) sònraichte math.
Sheinn Kirsty, ‘A Mhuile nam Beann,’ a sgrìobh Ailean MacDhòmnhaill, le misneachd (confidence) agus faireachadh (feeling) agus bha sin gu math freagarrach, oir tha an t-òran ag innse dhuinn mar a tha Gàidhlig Mhuile a’ bàsachadh.
Tha dà dhreachd (versions) den òran ‘Gheibhinn Cadal Math’ air a’ chlàr seo, agus sheinn Alasdair a’ chiad dreachd den òran le faireachadh. Bha e follaiseach (obvious) gu robh tuigse mhath aig Alasdair air faclan cumhachdach (powerful) an òrain ghaoil seo.
Tha an clàr seo, le òrain gu math inntinneach, a’ sealltainn dhuinn gu bheil sgrìobhadairean agus luchd-ciùil gu math tàlantach (talented) againn. Agus leis na h-òrain Ghàidhlig aca, tha iad a’ cur ris (contributing to) a’ chultar bheairteach (rich) againn.
Tha còmhlan (group) de luchd-ciùil a’ cur taic ris na seinneadairean air a’ chlàr, agus tha iad fhèin gu math comasach. Anns a’ chòmhlan seo bha daoine bhon a’ chòmhlan aig Findlay Napier agus bho na Bar Room Mountaineers, a thuilleadh air (in addition to) Dàibhidh Cattanach agus Màiri Anna NicUalraig.
Ged a tha na seinneadairean air a’ chlàr seo gu math comasach, ’s dòcha nach eil a h-uile òran air a’ chlàr freagarrach do na guthan aca. ’S dòcha gum bu chòir do dhaoine smaoineachadh air an seo ma tha iad a’ dol a chumail co-fharpais mar seo a-rithist, agus tha sinn an dòchas gun cùm iad co-fharpais mar seo a-rithist! Tha i a’ toirt cothrom (opportunity) do dhaoine cur ris a’ chultar bheairteach againn agus tha i a’ toirt cothrom do dhaoine na h-àiteachan brèagha san dùthaich a mholadh.
Faodidh sibh lethbhreac den chlàr a cheannach an seo, agus cuideachd faodaidh tu coimhead facail nan òran, no air fiosrachadh mun luchd-ciuil.
