Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Lèirmheas air Oran ùr do Mhuile Review of Oran ùr do Mhuile Review of Oran ùr do MhuileLèirmheas air Oran ùr do Mhuile
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Oran ùr do Mhuile, a' comharrachadh Mòd Ionadach na Dreòlluinn aig aois 70 bliadhna. Thoir sùil air na bh' aig mygaelic.com ri ràdh mu dheidhinn.....
4 rionnagan
‘S e clàr ùr a th’ ann an Òran ùr do Mhuile le measgachadh breàgha de dh’òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh le iomadh sgrìobhadair agus neach-ciuil mar phàirt de cho-fharpais ùr gus Mòd Ionadach na Dreòlluinn a chomharrachdh a tha a-nise 70 bliadhna dh’ aois.
‘S e òrain inntinneach a th’ annta a tha a’ coimhead air diofar chuspairean mar an t-Eilean fhèin, a eachdraidh, a chànan, a chuid sgeulachdan gaoil agus fiu ’s òran bho Bhana-Mhuileach gu math òg, Shannon NicIlleathain, ann agus chan ann mu dheidhinn Muile idir a sgrìobh i ach mu a brathair, Sean!
’S iad na seinneadairean ionadail Kirsty NicFhionghain agus Alasdair MacIlleBhàin a tha seinn nan òran air a’ chlàr, ach an t-òran aig Shannon, agus nach iad a tha dèiligeadh glè mhath ris na diofar stoidhlichean ciùil! Dhuinne, ’s iad na h-òrain ‘A Mhuile Nam Beann’ agus ‘Gheibhinn Cadal Math’ (trac 1) a bha sònraichte math.
Sheinn Kirsty, ‘A Mhuile nam Beann,’ a sgrìobh Ailean MacDhòmnhaill, le misneachd agus faireachadh agus ’s e sin gu dearbh a bha dhìth air na faclan a tha bruidhinn air mar a tha Gàidhlig an Eilein a’ sìoladh às.
Tha dà dhreachd den òran ‘Gheibhinn Cadal Math’ air a’ chlàr seo agus sheinn Alasdair a’ chiad dreachd le co-fhaireachadh agus bha e follaiseach gu robh na faclan cumhachdach san òran gaoil seo air drùdhadh air agus bheir iad buaidh air duine sam bith a dh’èisteas ri Alasdair gan seinn.
’S e cruinneachadh mìorbhaileach de dh’òrain inntinneach a tha seo a tha dearbhadh dhuinn na tàlantan sònraichte a th’ aig sgrìobhadairean agus luchd-ciuil an-diugh, agus mar a tha iad comasach cur ris a’ chultar bheairteach a th’ againn mar thà, ann an òrain Ghàidhlig.
Tha luchd-ciuil tàlantach is eòlach a’ cluich còmhla ris na seinneadarain air a’ chlàr agus iad nan còmhlan-taighe. Anns a’ chòmhlan-taighe seo, bha buill bho na còmhlain Findlay Napier agus na Bar Room Mountaineers, Dàibhidh Cattanach agus Màiri Anna NicUalraig, ’s i a riochdaich an clàr còmhla ri Nick Turner
Ged a tha iad air seinneadairean gu math comasach a chleachdadh airson a’ phroiseict seo, ’s dòcha gu bheil cunnart ann nach eil na h-òrain uile air an cur an cèill san dòigh as fheàrr as urrainnear, seach nach bi a h-uile òran ’s dòcha freagarrach do ghuthan nan seinneadair. ’S math dh’fhaodte gur e puing a tha seo air am bu chòir smaoineachadh, ma thèid a’ cho-fharpais seo a chumail a-rithist, agus tha sinne an dòchas gun tèid! ’S e cothrom air leth a tha seo gus cur ris a’ chultar bheairteach a th’ againn agus gus na h-àiteachain breàgha san dùthaich seo, a mholadh.
Faodidh sibh lethbhreacan den chlàr a cheannach an seo agus cuideachd facail nan òran a leughadh, a bharrachd air eachdraidh-beatha an luchd-ciuil.