Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

tachartasan mygaelic.commygaelic.com events [rss]

Fàilte is Fonn! 12-03-2010 Eden Court, Inbhir Nis/Inverness

Thig cuspair na cuirme bhliadhnail aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, ann an Talla na h-Ìmpireachd aig Taigh-cluiche Eden Court, Dihaoine 12 Màrt 2010, beò tro cheòl agus òrain Ghàidhlig a thaisbeanas lèirsinn a’ Ghàidheil air ràithean na bliadhna.

Tha Ràithean is Fuinn a’ gealltainn sàr fheasgar an cuideachd nan seinneadairean Caitlin NicAonghais; Magaidh NicDhòmhnaill; Art MacCarmaig; agus Pòl MacCaluim. Còmhla riutha sin bidh an còmhlan òg ainmeil Canntaireachd, agus an ceòladair tàlantach Mìcheal MacMhaoilean le Còmhlan Cèilidh Eilean Mhònach. Cuiridh pìobaire urramach, Dr Aonghas Domhnallach (Glenuig) a’ Chomuinn bàrr air clàr a dh’ aithnicheas feadhainn le meas air cèol Gàidhlig, a tha na chruinneachadh sònraichte.

Daonnan a’ nochdadh cuid de phrìomh luchd-ciùil na Gàidhlig, agus le aithne àraid air feadhainn as òige, tha na cuirmean seo air cliù a chosnadh thar nam bliadhnaichean is cuid a’ siubhal far feadh Alba gus sàr phrògraman a chluinntinn. Ged a tha na cuirmean air an lìbhrigeadh gu tur ann an Gàidhlig tha cothrom èisteachd is tuigse cuideachd dhan fheadhainn aig nach eil an cànan, le eadar-theangachadh mar-aon air Power Point, agus an luib sin taisbeanadh barraichte dhealbh bho Chailean MacIllEathain.

Thuirt Cathraiche a’ Chomuinn, Ailean Caimbeul, a bhios na Fhear an Taighe air a’ chuirm, “Tha Comunn Gàidhlig Inbhir Nis moiteil a bhith a’ lìbhrigeadh leithid seo de thaisbeanadh de shàr cheòl Gàidhlig. Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson a chuid taice agus aithne air mar a tha sinn a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig. Tha sinn gu sònraichte toilichte taing a thoirt dha Buidheann UBC airson an cuid taice, is a’ Bhuidheann a’ gabhail ealla mhoiteil ri a freumhan Gàidhealach fhèin.”

Gheibhear tiocaidean airson Ràithean is Fuinn aig £12 neo £10 bho Eden Court (01463) 234234.

Follow us on: