’S e a’ cho-fharpais fhilimichean goirid aig MG ALBA a th’ ann am FilmG a tha ag amas air tàlant is mac-meanma airson an t-sianail TBh Ghàidhlig, BBC ALBA.
Bha FilmG air leth soirbheachail an-uiridh, ach am-bliadhna tha sinn airson ’s gum bi e fiù ’s nas fheàrr.
Tha tuilleadh dhuaisean sgoinneil againn, le £3,000 airson Dràma/Comadaidh as Fheàrr agus £3,000 airson Film-aithriseach as Fheàrr. Agus ’s i an duais as motha do Dhaoine Òga (aois 12-17) £1,500. Coimhead air liosta shlàn dhe na duaisean air www.filmg.co.uk.
Bidh sinn cuideachd a’ tabhann iomadh cothrom trèanaidh, nam measg ar buidheann-obrach bhrosnachail stèidhte fad deireadh-sheachdain san Eilean Sgitheanach. Faigh grèim oirnn agus innis dhuinn ma tha ùidh agad ann an trèanadh de sheòrsa air choireigin.