Naidheachdan poblachPublic news items ![[rss]](/img/icons/14rss.png)
Page 10 of 52, showing 10 items from 515 total
-
Bruthadh bhon Phàirc air an Riaghaltas
Cuiridh Urras na Pàirce ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh a ruighinn ro dheireadh na mìos air an iarrtas aca fearann na Pàirce a cheannach bhon uachdaran.
Tha uachdaran na Pàirce, Barry Lomas, a' cur an aghaidh na h-iomairt.
'S e seo a' chiad uair a chaidh feuchainn ri oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.
Tha Mgr…
Leugh tuilleadhRead more -
Cead do chloinn Ghiogha a dhol gu Sgoil an Tairbeirt
Thug Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cead oifigeil do phàrantan ann an Giogha an cuid chloinne a chur gu Acadamaidh an Tairbeirt ann an Cinn Tìre.
Roimhe seo cha robh roghainn aca ach a' chlann a chur gu àrd-sgoiltean Chinn Loch Cille Chiarain no an Òbain.
Cha robh sin idir freagarach nan cuireadh droch shìde stad air na seirbheisean aiseig a rèir Uilleim MhicSporrain a tha a'…
Leugh tuilleadhRead more -
Ri Chèile 2010
Tha sgioba do dheugairean Ceilteach gu bhi tighinn cruinn còmhla ann an Ionad Àrois, Port Rìgh, air 30 Sultain ’son farpais deasbad a tha sìor fàs nas cliùiteach. Bidh buidheann dheugairean le Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns an Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig ‘Ri Chèile’ a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an…
Leugh tuilleadhRead more -
Cha tèid an loidhne-dealain fon talamh
Thuirt Scottish Power nach bi pàirt dhen loidhne-dealain a thèid eadar a' Mhanachainn agus Denny a' dol fon talamh timcheall air Sruighlea.
Bha mòran a' gearain gum biodh an loidhne, a bhios 137 mìle de dh'fhaid, grannda agus dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air Scottish Power coimhead ri mar a ghabhadh bòidhchead na dùthcha a dhìon nuair a thug iad cead dhan phlana san Fhaoilleach…
Leugh tuilleadhRead more -
MÒD LEGACY IS STITCHED UP (29.09.10)
An exquisite collection of quilts will become part of the legacy of the Royal National Mòd coming to Caithness thanks to the Kross Kounty Quilters, a group of seven quilters based in Caithness & Sutherland.
June Booth, member of the Mòd Local Organising Committee, had the original inspiration for a raffle quilt as a fundraising idea which was endorsed by other members of the…
Leugh tuilleadhRead more -
VOLUNTEERS NEEDED TO HELP OUT AT ROYAL NATIONAL MÒD (29.09.10)
Over 8000 people are expected to flood into the area for the Royal National Mòd 2010 which will be held in Caithness during October.
The local organising committee has been working hard, organising fund raising events as well as making sure arrangements are in place to make sure that everyone who visits are well looked after.
Graham Cameron, a volunteer with the local organising…
Leugh tuilleadhRead more -
Co-comhairleachadh air plana leasachaidh na Gàidhealtachd
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh beachd an t-sluaigh air an ath-phlana leasachaidh aca airson na sgìre.
Mairidh an co-chomhairleachadh deich seachdainnean, a' tòiseachadh Dihaoine 24mh an t-Sultain.
Bidh am plana a' cur an cèill mar a thèid fearann a chleachdadh, gus stiùir a thoirt do cho-dhùnaidhean dealbhachaidh.
'S ann bhuaithe a thèid planaichean leasachaidh…
Leugh tuilleadhRead more -
EÒRPA RETURNS TO BBC ALBA (22.9.10)
The BBC’s award-winning current affairs series, Eòrpa returns to our screens with compelling stories on current issues from across Europe.
The topics which will be examined in the first of the new weekly series will include, current political controversy in Poland, how funding for historic sites in Greece is coming under pressure as a result of national budget cuts, as well as an…
Leugh tuilleadhRead more -
Comhairle a' cur fàilte air sgrùdadh Ofgem (22.9.10)
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun robh làn thìde aig riaghladair a' chumhachd Ofgem sùil as ùr a thoirt air a' chìs a tha a' dol air companaidhean ann an sgirean iomallach airson cumahchd an dealain a thoirt gu na bailtean mòra.
Tha Ofgem dhen bheachd gu bheil seo a' cur bacadh air leasachadh cumhachd ath-nuadhachail ann an sgìrean iomallach.
Tha ceannard na Comhairle,…
Leugh tuilleadhRead more -
Buidheann ghnìomha aig co-labhairt nan Lib-Deamach
Tha riochdairean bho Bhuidhinn Ghnìomha Raon Rocaidean Innse Gall air a dhol gu co-labhairt nan Lib-Deamach ann an Liverpool airson ìmpidh a chur air an Riaghaltas an raon a chumail fosgailte agus a leudachadh.
Tha eagal ann gun toir na gearraidhean dìon a tha san amharc aig Riaghaltas na Co-bhanntachd buaidh air an raon, agus gum faodadh e dùnadh.
Tha còrr is 120 duine ag obair…
Leugh tuilleadhRead more
