Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Naidheachdan poblachPublic news items [rss]

Show news search

Page 39 of 52, showing 10 items from 515 total

  • Cothrom piseach a thoirt air sgilean cànain

    Gheibh pàrantan ann an Inbhir Nis, aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cothrom pàirt a ghabhail ann an sreath de bhùithtean-obrach gus na sgilean aca a thoirt air adhart.

    Bidh iad ag ionnsachadh mu bhith a' leughadh sgeulachdan sa Ghàidhlig, geamannan sa Ghàidhlig, briathrachas-taighe, goireasan Gàidhlig air loidhne agus gu h-àraid a bhith a' cuideachadh an cuid…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Iarrtas gun cuir CNES airgead ri faraidhean saora

    Tha buidheann de chomhairlichean anns na h-Eileanan Siar a' dol a mholadh dhan Chomhairle fhèin subsadaidh a phàigheadh airson bathair air na bàtaichean aiseig eadar na h-Eileanan.

    Dh'èirich buaireadh eadar a' Chomhairle agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) mu thuilleadh taic-airgid airson sgeama a bha a' dol gus companaidhean a chuideachadh.

    Chuir a' Chomhairle £75,000…

    Leugh tuilleadhRead more
  • ROYAL NATIONAL MOD RETURNS TO ITS ROOTS AS FESTIVAL PROGRAMME LAUNCHES FOR 2009

    Am Mòd Nàiseanta Rìoghail (The Royal National Mod), one of Scotland’s major cultural festivals and the Gaelic community’s most eagerly anticipated celebration of arts, music, culture and language, is set to return home to Oban as a highlight of the national Homecoming celebrations.

    Running from Friday 9th October to Saturday 17th October, the Mòd is set to attract both Scottish and…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Stòras airgid do bhreabadairean ga leudachadh

    Theid sgeama a thug cuideachadh do bhreabadairean a' Chlò Mhòir a leudachadh as dèidh cho math 's a shoirbhich leis gu ruige seo.

    Chaidh an stòras airgid do bhreabadairean a steidheachadh na bu thràithe am bliadhna gus obair a chumail riutha nuair a tha òrdughan gann.

    S' ann bho Chomhairle nan Eilean Siar agus an ERDF a tha an dàrna thrian den airgead a' tighinn, agus an còrr bho…

    Leugh tuilleadhRead more
  • 14 cosnadh an cunnart ann an Uibhist

    Tha fear-gnothachais Uibhisteach air rabhadh a thoirt gum faodadh co-dhiù 14 duine an cosnadh a chall san eilean ri linn sgeama faraidhean saora na Comhairle a bhith a' tighinn gu crìch.

    Cha deach sgeama pìleat RET an Riaghaltais a chur an sàs air aiseagan Chaolas na Hearadh agus Chaolas Bharraigh, ach bha Comhairle nan Eilean Siar a' ruith sgeama a bheireadh cuideachadh do…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Ulpan a' soirbheachadh sna h-Eileanan

    'S e dòigh teagaisg an ìre mhath ùr do dh' Alba a th' ann an Ulpan. Chaidh a stèidheachadh ann an Israel agus shoirbhich gu mòr leis sa Chuimrigh.

    Seach gràmar a bhith na phrìomhachas, tha e ag amas air daoine a thoirt gu fileantachd nas luaithe tro chòmhradh.

    Sa bhliadhna a dh' fhalbh chaidh 205 duine sna h-eileanan tro na cursaichean bogaidh.

    Plana cànain

    Tha Comhairle nan Eilean…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Plana a bheireadh na buidhnean Gàidhlig còmhla

    Tha Bòrd na Gàidhlig air sgrùdadh òrdachadh feuch an gabh ionad mòr a thogail ann an Inbhir Nis fon deadh na buidhnean Gàidhlig uile còmhla.

    Thathar cuideachd a' beachdachadh air ionadan mar seo a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh, Glaschu agus Dùn Eideann.

    Tha co-dhiù dà làrach ann an Inbhir Nis a dh'fhaodadh a bhith freagarrach - tè ri taobh na bun-sgoile Gàidhlig, agus tèile air…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Bòrd na Gàidhlig welcomes major investment in Gaelic schools

    Bòrd na Gàidhlig has welcomed the announcement by Minister for Gaelic Michael Russell that Highland Council will benefit from an allocation of £1.5 million to increase provision in its area.

    The new investment from the Gaelic Schools Capital Fund will create more places in Gaelic education streams throughout the country and Highland Council will shortly be identifying suitable sites…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air làn-thasgadh sna sgoiltean Gàidhlig

    Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd bho Mhinistear na Gàidhlig, Michael Russell, gum bi Comhairle na Gàidhealtachd a’ faotainn buannachd bho riarachadh de £1.5 millean airson solar ann an sgìre na Gàidhealtachd a mheudachadh.

    Bidh an tasgadh ùr bho Mhaoin Calpa Sgoiltean Gàidhlig a’ cruthachadh barrachd àiteachan ann am foghlam Gàidhlig air feadh na dùthcha agus…

    Leugh tuilleadhRead more
  • "Bu chòir Murphy falbh le obraichean Uibhist"

    Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh gum bu chòir dha Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, a dhreuchd a leigeil dheth ma thèid obraichean raon nan rocaidean a chall.

    Tha Ministreachd an Dìon (MoD) airson an raon ann an Uibhist, a th' air a ruith leis a' chompanaidh QinetiQ, a ghearradh air ais gu mòr, agus an obair a ghluasad gu Aberporth…

    Leugh tuilleadhRead more
Follow us on: