Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Naidheachdan poblachPublic news items [rss]

Seall an sireadh naidheachdan

Duilleag 4 a-mach à 52, a' sealltainn 10 rudan a-mach à 515 uile gu lèir.

  • Urras na Pàirce mì-thoilichte le tuilleadh dàil

    Thuirt Urras na Pàirce ann an Leòdhas gu bheil iad fìor-mhì-thoilichte leis mar nach tàinig co-dhùnadh fhathast on Riaghaltas air co-dhiù am faigh iad cead gus an oighreachd a cheannach an aghaidh toil an uachdarain gus nach faigh.


    Bha dùil ri co-dhùnadh cho tràth ri deireadh an Dàmhair 2010, no co-dhiù ron Nollaig.


    Tha an t-Urras ag ràdh ge-tà nach d'fhuair iad fiosrachadh sam…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Mànran airson am Prìomh 40! Mànran for the Top 40!

    Tha a’ chiad chlàr singilte aig Mànran a mach an diugh! Faigh Latha Math air iTunes!


    SIUTHAD NÌ SINN OIDHIRP GUS GÀIDHLIG AGUS MÀNRAN FHAIGHINN A-STEACH DO CHLÀR NAN ÒRAN!!!


    Briog an seo airson barrachd fiosrachadh!


    Mànran’s debut single is out today!! Download Latha Math on iTunes!


    SO LET’S GET GAELIC & MÀNRAN INTO THE CHARTS!!!


    Click here for more information and to…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Shinty captain aims to be in charts 'alongside Rihanna'

    Scotland's shinty squad captain and his band are aiming to have the first Scottish Gaelic hit of the 21st Century in the UK top 40.


    Accordion-playing Gary Innes and his group, Manran, hope to repeat the chart success Runrig and Capercaillie had with Gaelic songs in the 1990s.


    Runrig song An Ubhal as Airde reached number 18 in the charts in 1995.


    Manran will launch their debut…

    Leugh tuilleadhRead more
  • "Bu chòir prìomhachas a thoirt do na rathaidean"

    Bho BBC Naidheachdan

    Bu chòir dha a bhith na phrìomhachas do Chomhairle nan Eilean Siar airgead-calpa a chur ri leasachadh nan rathaidean airson dèanamh cinnteach gun seas iad ri sìde reòthta, a rèir comhairliche.


    Tha Cathraiche na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Dòmhnall Manford, ag ràdh gu bheil na rathaidean air fad eadar Nis agus Bhatarsaigh air fulang ri linn na sìde…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Dh'fhaodadh àireamhan luchd-labhairt tuiteam fo 50,000

    Thuirt Àrd-Oifigear Bhòrd na Gàidhlig gum faodadh àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig tuiteam fo 50,000 ann an cunntas-sluaigh na bliadhna seo.


    Bho BBC Naidheachdan


    Airson barrachd fiosrachadh briog an seo


    Leugh tuilleadhRead more
  • MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR AN NAIDHEACHD GUM BI BBC ALBA AIR FREEVIEW (21.12.10)

    Tha a’ cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA a tha a’ ruith BBC ALBA an-diugh air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a’ BhBC an t-seanail a chur air Freeview.


    A’ bruidhinn as leth MG ALBA, thuirt an cathraiche, Alasdair Moireasdan: “Tha sinn anabarrach toilichte leis a’ cho-dhùnadh seo, agus is e an rud as cudromaiche gu bheil e a’ toirt do dhaoine air feadh na h-Alba cothrom an…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Clàr-ama nas fheàrr a dhìth à Steòrnabhagh gu Obar Dheathain

    Sgrìobh ball pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, dhan chompanaidh adhair, Eastern Airways agus gu HIE.


    Tha am BPA ag iarraidh clàr-ama nas freagarraiche eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain.


    Thuirt Mgr Allan gu bheil mòran dhaoine air a bhith a' gearain mun a' chlàr-ama a th'ann an dràsta, gu h-àraidh daoine a tha ag obair anns a' Chuan a Tuath.


    Tha iad ag ràdh…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Sgoiltean dùinte agus sneachda air tilleadh

    Thàinig sneachda trom ris an robh dùil, agus e air laighe air deigh, a' fàgail rathaidean gu math sleamhainn, agus sgoiltean dùinte air feadh na dùthcha.


    Tha dùil gun lean an fhuachd grunn làithean, agus a' ghaoth a' tighinn bho thuath.


    Chan èirich i os cionn ìre reothaidh tron là.


    Tha rabhadh bho Oifis na Sìde gum bi fìor dhroch aimsir ann an Roinn a' Mhonaidh, air…

    Leugh tuilleadhRead more
  • BÒRD NA GÀIDHLIG A’ DAINGNEACHADH NA SLIGHE AIR ADHART AIRSON LEASACHADH GÀIDHLIG TRÀTH-BHLIADHNAICHEAN

    Tha Bòrd na Gàidhlig air an t-slighe air adhart a dhaingneachadh mu choinneamh solar Gàidhlig tràth-bhliadhnaichean a liubhairt bhon Mhàirt a’ tighinn (2011).


    Bho 31 Màirt 2011, bidh an structar làithreach a tha suidhichte eadar am Bòrd agus a’ bhuidheann TAIC (CNSA mar a bh’ ann) air a chur às àite le seirbheis ùr ioma-chuimseach a bhios a’ cur taic ri liubhairt solar…

    Leugh tuilleadhRead more
  • Gearradh mòr air ionadan Mhaor-Cladaich

    Dh'fhoillsich Riaghaltas Westminster planaichean airson na tha de stèiseanan Mhaor-Cladaich ann am Breatainn a lùghdachadh bho 18 gu ochd.


    Dh'fhàgadh sin nach biodh ach aon stèisean ann an Alba a bhiodh fosgailte fad na h-ùine, le aon fo-stèisean eile, a bhiodh fosgailte tron là a-mhàin, an dàrna cuid ann an Steòrnabhagh no Sealtainn.


    Bhiodh dà ionad eile fosgailte fad na h-ùine,…

    Leugh tuilleadhRead more
Follow us on: