Naidheachdan poblachPublic news items ![[rss]](/img/icons/14rss.png)
Duilleag 6 a-mach à 52, a' sealltainn 10 rudan a-mach à 515 uile gu lèir.
-
Dùil ri co-dhùnadh mu Freeview do BhBC ALBA
Tha MG ALBA ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig co-dhùnadh taobh a-staigh cola-deug air an tèid BBC ALBA a chur air freeview.
Thuirt Cathraiche MG ALBA, Alasdair Moireasdan, gu bheil iad air na chaidh iarraidh orra a dhèanamh, agus gur i argamaid gu math làidir a chaidh a chur air adhart airson an t-sianal fhaighinn air Freeview.
Tha an co-dhùnadh co-dhiù an tèid BBC ALBA a…
Leugh tuilleadhRead more -
Plana Gàidhlig OGE ga fhoillseachadh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (OGE) air plana Gàidhlig fhoillseachadh.
Tha OGE ag ràdh gur iad a' chiad institiùd foghlaim aig àrd-ìre ann an Alba a th' air a leithid a dhèanamh.
Anns a' phlana, tha amasan a bhith a' tabhainn chothroman Gàidhlig a ionnsachadh do luchd-obrach na buidhne, oileanaich, agus don t-sluagh.
Cuirear fàilte air daoine aig ionad…
Leugh tuilleadhRead more -
"Laigsean" ann am Plana Gàidhlig na Gàidhealtachd
Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil laigsean anns a' Phlana Ghàidhlig aca, agus nach ruig iad air cuid de na targaidean a th' aca airson a' chànain.
Thàinig an t-aideachadh ann an aithisg a dh'ullaich a' Chomhairle fhèin.
Chàin Bòrd na Gàidhlig a' Chomhairle an-uiridh airson cho beag adhartais 's a rinn iad a thaobh a' Phlana aca, agus mhaoidh iad fios a chur gu…
Leugh tuilleadhRead more -
Tuilleadh sneachda a' tuiteam
Thuit i gu -20.1C ann am Bràigh Mhàrr air an oidhche, agus tuilleadh trioblaid air rathaidean agus rèile.
Bha i aig -13.7C ann an Dùn Èideann, agus -10C ann an Glaschu oidhche Ardaoin.
Tha rathaidean dùinte ann an sgìrean àrda san Ear-Thuath.
Leis a' ghaoth gu bhith a' togail, tha rabhadh cuideachd air drochaid an Eilein Sgitheanaich, agus tha casg air astar 30m.s.u air…
Leugh tuilleadhRead more -
Iomairt son Comhairliche Gallach a phùtadh a-mach (2.12.10)
Thòisich gluasadan taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd airson fear de chomhairlichean Ghallaibh, Iain Rosie, a chur a-mach às a' bhuidhinn Neo-eisimeileach.
Chuir Mgr Rosie an caothach air grunn Chomhairlichean le bhith a' diùltadh leisgeul a thabhainn airson a bhith a' coltachadh poileasaidh Gàidhlig na Comhairle ri poileasaidhean fastaidh nan Nàsach anns a' Ghearmailt.
Ma…
Leugh tuilleadhRead more -
Sgoiltean is còmhdhail fhathast fo buaidh an t-sneachda
Tha sneachda trom fhathast a' cur air taobh sear na h-Alba, le Port-Adhair Dhùn Èideann fhathast dùinte.
Chan eil dùil gun tèid fhosgladh gu co-dhiù meadhan là.
Tha a h-uile sgoil ann an Lodainn an Ear, an Iar agus Meadhan Lodainn, na Crìochan, Dùn Dè agus Machair Aonghais, agus sgìre na h-Eaglaise Brice fhathast dùinte.
Air a' Ghàidhealtachd tha Bun-sgoil Bhun Illidh,…
Leugh tuilleadhRead more -
Raointean sgìthidh air fosgladh tràth
Tha trì de na ceithir raointean sgìthidh ann an Alba fosgailte - agus dùil gum fosgail Raon Nibheis air an deireadh sheachdain.
Tha 13 bliadhna o dh'fhosgail Raon Nibheis cho tràth air an t-seusan.
Tha mòran sneachda ùir air a' Chàrn Ghorm, Gleann Sìdhe agus aig Leac a' Ghobhainn, a' tàladh nam mìltean dhaoine chun na beinne.
Ach tha rabhadh ann mu mhaoimean-sneachda, seach gu…
Leugh tuilleadhRead more -
BUIDHEANN THAR PHARTAIDH GÀIDHLIG NA PÀRLAMAID
Mìneachadh air poileasaidhean Gàidhlig air iarraidh bho Pàrtaidhean Poilitigeach na h-Alba
Thèid iarraidh air na pàrtaidhean poilitigeach Albannach gu lèir an rùintean airson na Gàidhlig a mhìneachadh ann an deagh àm airson an Taghaidh Pàrlamaid a tha romhainn ann an Alba anns a’ Chèitein seo tighinn.
Bidh Buidheann Thar Phàrtaidh Gàidhlig na Pàrlamaid, a chruinnich son an…
Leugh tuilleadhRead more -
Tuilleadh sneachda
Tha na h-uidhir de sgoiltean is rathaidean air feadh an h-Alba dùinte, agus reothadh is tuilleadh sneachda fhathast a' toirt buaidh.
Thuit i gu -13C ann an Inbhir Nis oidhche Luain, agus chan eil dùil gum blàthaich i cus os cionn ìre reothaidh tron là, ri linn na gaoithe fuaire.
Thuirt comhairlean Dhùn Èideann, Pheart is Chinn Rois, Lodainn an Iar, Mhoireibh, Bhaile Dhùn Dè, nan…
Leugh tuilleadhRead more -
Nàiseantaich air Comhairle Earra-Ghàidheal fhàgail
Choisich comhairlichean Nàiseantach air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-mach às a' cho-bhanntachd riaghlaidh a bh' aca leis na Neo-eisimeilich.
Bhòtaidh a' Chomhairle an-diugh air molaidhean airson 25 de bhun-sgoiltean na sgìre a dhùnadh a chur a-mach gu co-chomhairleachadh phoblach.
Tha buill an SNP mì-thoilichte leis na molaidhean 's iad den bheachd nach bu chòir sgoiltean…
Leugh tuilleadhRead more
