Naidheachdan poblachPublic news items ![[rss]](/img/icons/14rss.png)
Duilleag 8 a-mach à 52, a' sealltainn 10 rudan a-mach à 515 uile gu lèir.
-
Àrd-Sgoil Chinn Loch Lìobhainn a' fosgladh a-rithist
Tha ionadan sgoile ann an Ceann Loch Lìobhainn gus fosgladh a-rithist madainn Diluain an dèidh dhi a bhith dùinte air ri linn rabhaidh shlàinte.
Chaidh àrd-sgoil, bun-sgoil, cròileagan agus leabharlann a' bhaile dùinte bho Dhiardaoin, nuair a chaidh am bacreria Legionella a lorg ann an siostam uisge na h-àrd-sgoile.
Thug an dùnadh buaidh air còrr air 200 sgoilear
Thuirt…
Leugh tuilleadhRead more -
Còrr is 130 cosnadh a' falbh air a' Ghàidhealtachd
Caillidh 130 duine air a' Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh an cosnadh ri linn 's gu bheil a' chompanaidh togail ROK ann an làmhan an luchd-rianachd.
Chaidh roinn shlàn den chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Exeter ann an Sasainn, a dhùnadh leis an luchd-rianachd madainn Diardaoin.
Tha còrr is 300 duine air feadh na h-Alba gus an cosnadh a chall, as dèidh mar a chaidh a'…
Leugh tuilleadhRead more -
Spòrs Ghlaschu
Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ lorg dhaoine airson cuideachadh le spòrs a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha iad a’ lorg phàrantan, sgoilearan, oileanaich, neo duine sam bith a bhios deònach spòrs a theagasg sa Ghàidhlig.
Tha iad a’ lorg dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig neo a bhios deònach obair le cuideigin eile aig a bheil Gàidhlig.
Tha diofar seòrsaichean spòrs ann a…
Leugh tuilleadhRead more -
Beachdan mu sgoil Ghàidhlig do Stafainn gan sireadh
Thèid beachdan phàrantan ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach air bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre a shireadh.
Cumar coinneamh sa bhaile oidhche Mhàirt (9mh), mar phàirt de cho-chomhairleachadh a thathas a' cumail air a' ghnothach an-dràsta.
Ma thèid le molaidhean Comhairle na Gàidhealtachd, 's i a' cheathramh sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Alba.
Dheadh an sgoil…
Leugh tuilleadhRead more -
Dragh mu ghnìomhachas an togail
Tha cùisean a' coimhead mì-chinnteach do ghnìomhachas an togail air a' Ghàidhealtachd as dèidh don chompanaidh Rok a dhol ann an rianachd.
Bha Rok, a tha stèidhichte ann an Exeter ann an Sasainn, a' cumail cosnaidh ri còrr is mìle duine ann an Alba.
Thainig fios Diluain gun robh iad air a dhol ann an rianachd.
Bha a' chompanaidh air cùmhnant, luach £32m, aontachadh le Iomairt…
Leugh tuilleadhRead more -
Pàrantan a' gealltainn strì mu dhùnadh sgoiltean
Gheall pàrantan nan Eilean Siar a dhol dhan Riaghaltas Albannach nan strì an aghaidh co-dhùnadh na Comhairle 11 sgoil a dhùnadh.
Bhòt an Làn-Chomhairle an t-seachdain seo chaidh, ochd bun-sgoiltean agus trì àrd-sgoiltean dà bhliadhna a dhùnadh.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag amas air airgead a chùmhnadh, agus iad cuideachd ag ràdh nach eil na sgoiltean a th' ann freagarrach air…
Leugh tuilleadhRead more -
11 sgoil Eileanach gus dùnadh, ach dàil an Earra-Ghàidheal
Dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad airson 11 sgoil a dhùnadh.
Aig coinneimh fhada Dimàirt, le mòran deasbaid, mhol comhairlichean ochd bhun-sgoiltean agus trì àrd-sgoiltean dà-bhliadhna a dhùnadh.
'S iad na sgoiltean a tha a' Chomataidh air aontachadh dùnadh sgoil Bhaile Ailein, sgoil Chàrlabhaigh, sgoil Bhràgair, sgoil Chrois, sgoil…
Leugh tuilleadhRead more -
An Comann Rìoghail air beachdachadh mun Ghàidhlig
Dh'fheumadh còrr is 800 duine sa bhliadhna a' Ghàidhlig a thogail as ùr airson stad a chur air crìonadh a' chànain, a rèir rannsachaidh ùir.
Tha paipear a th' air nochdadh bhon Chomann Rìoghail ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig ann an cunnart a dhol à bith.
Thuirt an aithisg ge-tà, gum b'urrainn stad a chur air sin le bhith a' leantainn eisimpleirean de chuid de na rudan a tha air…
Leugh tuilleadhRead more -
AONGHAS PADRAIG CAIMBEUL - MEAS AIR CHRANNAIBH (18.10.10)
Diardaoin 21 Dàmhair 2010 aig 9f air BBC ALBA
Tha mòran eòlach air Aonghas Pàdraig Caimbeul, neo, mar as aithne don mhòr chuid e, Aonghas Phàdraig. Ann an còmhradh leis an Athair Cailean MacAonghais, gheibhear cothrom eòlas a chur air an duine ioma-tàlantach seo le sùil onarach air a bheatha mar bhàrd a choisinn iomadh duais, sgrìobhadair, neach-naidheachd, craoladair agus actair,…
Leugh tuilleadhRead more -
Mòd 2014 gu bhith ann an Inbhir Nis
Chaidh fhoillseachadh gur ann an Inbhir Nis a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2014.
Thàinig an naidheachd aig a' Mhòd ann an Gallaibh.
Bha fhios ron a seo gum biodh Mòd na h-ath-bhliadhna anns na h-Eileanan Siar, ann an Dùn Òmhainn ann an 2012, agus ann am Pàislig an 2013.
Thàinig e am bàrr cuideachd gur dòcha gun tèid an dòigh bhreithneachaidh a chaidh a…
Leugh tuilleadhRead more
