Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Dhiùlt an MOD conaltradh a leudachadh mu obraichean QhinetiQ


Tha Ministearalachd an Dion ag ràdh nach leudaich iad an ùine cò-chomhairleachaidh mu obraichean QhinetiQ ann an Uibhist.

Chaidh iarraidh orra le buidhnean coimhearsnachd is cuideachd Ball Pàrlamaid nan Eilean Aonghas Brianain MacNèill an cò-chomhairleachadh a leudachadh bho 50 latha gu co-dhiù 6 mìosan, ach chan eil iad deònach sin a dhèanamh idir aig an ìre seo.

Tha faireachdainn ann gum bu chòir barrachd bheachdachaidh a dhèanamh le muinntir na sgìre is buidhnean eile aig a bheil gnothaich ris a' chùis.

Gainnead ùine

Thuirt Mgr MacNèill: "Tha sinn a' faireachdainn gu bheil còir aig a' choimhearsnachd an aon chothrom a bhi aca, ach gu mì-fhortanach tha Ministearalachd an Dion a' fuireach aig an 50 latha."

Tha an MOD ag ràdh gun toir iad sùil air mar a tha an cò-chomhairleachadh a' gluasad thar na 50 latha, airson dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr ùine ann.

Ach tha Mgr MacNèill ag ràdh nach eil 50 latha fada gu leòr airson cothrom beachd fhaighinn bhon a h-uile duine air a bheil seo a' bualadh: "Chaidh innse dhaibh nach eil gu leòr ùine an sin do dhaoine aig nach eil fìor mion-eòlais an cothrom greimeachadh air na cuisean a tha tighinn am bàrr."

Bidh Mgr MacNèill, còmhla ri Rùnaire an Ionmhais ann am Pàrlamaid na h-Alba Iain Swinney ann an Uibhist an-diugh aig coinneamh le buidhean ghnìomh a chàidh a stèidheachadh an dèidh dhan naidheachd thighinn a-mach gu bheil dùil ionad QhinetiQ a dhùnadh.

BHO BBC Alba


Follow us on: