Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Dion air soidhnichean dà chànanach na Gàidhealtachd


Tha Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig, a' sgrìobhadh gu meur na Gàidhealtachd dhen aonadh UNISON, a togail cheistean mun t-seasamh aca air soidhnichean dà chànanach sa sgìre.

Thuirt an t-aonadh an-dè gun robh còir aig Còmhairle na Gàidhealtachd cùl a chur ri polasaidhean "PC" mar seo, 's aca ri trì fichead millean not a shàbhaladh.

A-rèir Shane Manning bho mheur Ghàidhealaich an aonaidh, tha mandat aca bho na buill, a bhi a' cur an aghaidh shoidhnichean dà chànanach anns an sgìre.

Se eisimpleir a th'ann an soidhnichean dà chànanach, thuirt e, de roinn far an gabhadh airgead a shàbhaladh leis a' Chòmhairle.

Ach, tha ceist air Mghr MacCarmaig gu dè am mandat a th'aig an aonadh, 's tha e air sgrìobhadh gu Mghr Manning feuch soillearachadh fhaighinn.

A' Chòmhairle

Tha Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig air Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal, air a bhi a' dion seasamh na Comhairle air soidhnichean dà chànanach.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt an Comhairliche Friseal gu bheil mòran dhen airgead a tha ga chosg air soidhnichean Gàidhlig a' tighinn bhon Riaghaltas tro Bhòrd na Gàidhlig 's gu bheil an t-airgead sin air a' dhion.

Dhaingnich e a-rithist cuideachd nach eil soidhne dà chànanach ga chur an-sàs idir, gus a bheil seann shoidhnichean gan ùrachadh co-dhiù, a' ciallachadh nach eil iad a' cosg uidhear a bharrachd.

Dhearbh labhraiche bho Bhòrd na Gàidhlig ri BBC Alba an-diugh gu bheil iad air £80 mìle not a thoirt don Chòmhairle sna trì bliadhna a dh'fhalbh ma choinneamh soidhnichean dà chànanach.

Thuirt an labhraiche gu robh a' Chomhairle chun a seo air £11,600 not dhen a sin a chosg air 170 soidhne bho chàidh am Plana Gàidhlig aca a chur an-sàs anns a' Chèitean an uiridh.

Plana Cànain

Tha a' Chomhairle cuideachd an-dràsta a' dèanamh atharrachaidhean air a' Phlana Gàidhlig aca a thaobh soidhnichean dà chànanach.

Chur iad na h-atharrachaidhean gu Bòrd na Gàidhlig, 's nam measg tha beachd nach bu chòir soidhne dà chànanach a chur an-sàs idir mur a h-eil e follaiseach gu bheil fìor ainm Ghàidhlig ri chur air an soidhne.

Gheibh coimhearsnachdan cuideachd cothrom fo na h-atharrachaidhean, beachd a thoirt air na soidhnichean anns na sgìrean aca fhèin.

Chaidh Mghr Friseal às àicheadh, ge ta, gu bheil seo a' freagairt air iarrtas a rinn UNISON bho chionn beagan mhiosan.

"Tha daoine a' togail rudan a-mach as dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, airson a chur na beachdan aca fhèin air adhart.

Rud a thuirt sinne, gu bheil dòigh ann do choimhearsnachdan a choimhead air soidhnichean air sraidean; tha soidhnichean air na rathaidean a' fuireach mar a tha iad - tha sin gu math soilleir anns a' phlana," thuirt Mghr Friseal.

Feumaidh Bòrd na Gàidhlig sgrùdadh a dhèanamh air na h-atharrachaidhean a thug a' Chomhairle air a' phlana aca.

Bho BBC Alba


Follow us on: