Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Cothrom piseach a thoirt air sgilean cànain


Gheibh pàrantan ann an Inbhir Nis, aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cothrom pàirt a ghabhail ann an sreath de bhùithtean-obrach gus na sgilean aca a thoirt air adhart.

Bidh iad ag ionnsachadh mu bhith a' leughadh sgeulachdan sa Ghàidhlig, geamannan sa Ghàidhlig, briathrachas-taighe, goireasan Gàidhlig air loidhne agus gu h-àraid a bhith a' cuideachadh an cuid chloinne le obair-dachaigh.

'S e Comann nam Pàrant, Inbhir Nis le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha a' cur nam bùithtean-obrach air dòigh gus pàrantan a bhrosnachadh ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh.

"Chan eil e an-còmhnaidh furasta do phàrantan fiosrachadh a lorg agus stiùireadh fhaighinn air a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile," thuirt Cathraiche Comann nam Pàrant, Inbhir Nis, Briain Ó hEadhra.

"Tha sinn an dòchas gun cuidich na bùithtean-obrach seo pàrantan ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a' cumail taic ri an cuid chloinne," thuirt e.

Tha iomairtean aig a' Chomhairle mar thà gus feuchainn ri taic a chumail ri pàrantan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus bidh Comann nam Pàrant Inbhir Nis ag obair còmhla riutha gu dlùth anns na h-iomairtean sin.

Tòisichidh na bùithtean-obrach san Dàmhair.

Bho BBC ALBA


Follow us on: