Buidheann Sgrùdaidh riaraichte leis a' Bhòrd (18/01/10)
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba riaraichte len dòighean obrach, agus leis mar a tha iad a' toirt seachad airgid.
Bha am ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd ann an Pàrlamaid na h-Alba, Màiri Scanlon, air iarraidh gun dèante sgrùdadh air dòighean-obrach a' Bhùird.
Bha aithrisean air nochdadh ann am pàipear-naidheachd a dh'innis gun tug am Bòrd taic-airgid seachad do bhuidhnean aig an robh ceangal air choireiginn ri feadhainn a bha cuideachd air a' Bhòrd.
Thuirt am Ball Nàiseantach airson Meadhan na h-Alba, Iain MacUillleim, gum biodh am poball a' togail cheistean mun chùis.
Thuirt fear-labhairt Bhòrd na Gàidhlig ge-tà gu bheil Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu tur riaraichte leis na cunntasean aca agus an dòighean-obrach.
Thuirt am fear-labhairt gu bheil am Bòrd a' leantainn nan riaghailtean a th' ann airson gach buidhne poblaich ann an Alba.
Chuir am Bòrd litrichean gu Mairi Scanlon is Iain MacUilleim, is iad ag ràdh gum biodh iad glè dheònach coinneachadh riutha gus cùisean a shoillearachadh.
Bho BBC ALBA
