Dòchas aig Highland Airways mu thaic-airgid
Tha Highland Airways a-nis a' coimhead nas sàbhailte na bha iad.
Cha robh a' chompanaidh a' reic thiceadan airson an àm ri teachd, agus eagal ann gun cuireadh trioblaidean ionmhais fodha iad.
Tha iad air tòiseachadh a-rithist air ticeadan a reic air an làraich-lìn aca suas gu deireadh a' Ghearrain.
Tha iad a-nis dòchasach gum faigh iad air taic-airgid a lorg nì cobhair orra.
Tha mu 100 duine ag obair don chompanaidh a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis.
Bidh a' chompanaidh a' ruith sheirbheisean dha na h-Eileanan Siar, Colla, Tiriodh, agus Colbhasa, a bharrachd air itealain do Sheirbheis Dìon an Iasgaich, agus seirbheisean eadar Cardaf agus Innis Mòn anns a' Chuimrigh.
Bho BBC ALBA
