Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Adhartas aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil (09/03/10)


Tha aithisg ùr bho luchd-sgrùdaidh nan sgoiltean ag ràdh gun deach adhartas a dhèanamh aig Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.


Feumaidh luchd-teagaisg barrachd a dhèanamh fhathast ge-tà, a rèir na h-aithisg, airson foghlam ceart a thoirt dhan chloinn.


Tha an aithisg ag ràdh gu bheil ionnsachadh na cloinne ro shlaodach, agus gum feum luchd-teagaisg barrachd a dhèanamh airson foghlam a thoirt dhaibh a tha a' toirt adhartais orra.


'S e seo an treas aithisg rannsachaidh an taobh a-staigh dà bhliadhna, agus ged a tha ceannard na sgoile a' faighinn molaidh, thathas ag iarraidh air luchd-teagaisg a bhith a' duileachadh barrachd air na sgoilearan.


Bho BBC ALBA


Follow us on: