Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

BÒRD NA GÀIDHLIG A’ CUR FÀILTE AIR SUAICHEANTAS GAIDHLIG AIRSON GLASCHU 2014 (9/3/10)

Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil suaicheantas Gàidhlig gu bhith air a chleachdadh an-lùib deisealachadh, margaidheachd agus modhan-obrach sgioba Ghlaschu a tha a’ dèiligeadh ri Geamaichean a Cho-Fhlaitheis ann an 2014. Chaidh fhoillseachadh an diugh an Glaschu gum bi suaicheantas Gàidhlig ga chur an sàs bho seo a-mach, agus seo a’ chiad uair riamh a fhuaireas cead a leithid de cheum a ghabhail a thaobh cànan.


Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dreach Gàidhlig suaicheantas Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis airson 2014. Tha sinn air a bhith ro-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 mar a tha iad air a bhith a’ coimhead air dòighean Gàidhlig a chleachdadh nan cuid-obrach. Le cho cudromach sa tha Gàidhlig do dh’Alba agus do shluagh na h-Alba a tha thall thairis, tha e iomchaidh agus cudromach gum biodh aire dhaoine air a tharraing gu Gàidhlig agus gun rachadh a chleachdadh, fhaicinn agus a chluinntinn cho tric sa ghabhas aig ìre a tha freagarrach. Tha, agus bha àite air leth aig Glaschu ann an saoghal na Gàidhlig, agus bidh aire an t-saoghail air baile mòr nan Gàidheal. Tha cothroman mòra an luib nan Geamaichean do Ghlaschu agus dhan Ghàidhlig, le na th’ann de dhaoine a tha ga cleachdadh agus bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail inbhe agus aithne na Gàidhlig àrdachadh ann an suidheachadh eadar-nàiseanta. Tha sinn an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachaidh do na Geamaichean agus tha fiughar againn a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 gu dlùth airson inbhe na Gàidhlig a thogail agus a chleachdadh mar as còir ann an leithid de shuidheachadh.”



BÒRD NA GÀIDHLIG WELCOMES GAELIC VERSION OF THE GLASGOW 2014 IDENTITY


Bòrd na Gàidhlig, the principal public body promoting and developing Gaelic, has welcomed the announcement by the Organising Committee for the 2014 Commonwealth Games that it is to use a Gaelic version of the official logo for the Games. This is the first time permission for such a development of the brand has been granted.


Welcoming the announcement, Bòrd Cathraiche (Chair) Arthur Cormack said: “Bòrd na Gàidhlig welcomes the Gaelic version of the logo for the 2014 Commonwealth Games and we have been happy to work with the Glaschu 2014 team in helping them develop their identity. Given the unique importance of Gaelic to Scotland and the many Scots in the diaspora throughout the Commonwealth, we believe it should be seen, heard and spoken as widely as possible. Given the worldwide interest there will be in the Games when they take place in Glasgow, a city with a large number of Gaelic speakers, we believe they offer an exciting opportunity for Gaelic to be seen and, we hope, heard and appreciated in an international setting. We hope this is just the start; we wish the Games well and look forward to working further with Glaschu 2014 to enhance the status of Gaelic within this hugely significant event.


Follow us on: