Monopoly na Gàidhealtachd (11.3.10)
Gheibh Gàidheal cothrom bhòtadh air dè na sgìrean a' bu chòir a chleachdadh air a' gheama-bhùird 'Monopoly' a tha cur dreach Gàidhealach air a' gheama.
Bi daoine eolach air Mayfair is Picadilly, ach dh'fhaodadh Nessie priomh àite fhaighinn air a' bhòrd còmhla ri caisteil Eilean Donnan, no Beinn Nibhis.
Thèid còrr is 30 àitean bho air feadh na Gàidhealtachd a thaghadh le blas na sgìre air a bhùird.
Dh'fhaodadh gun teid Gàidhlig a' chleachadh air feadhain dheth na àitean.
Thuirt probhaist bhaile Inbhir Nis, Jimmy Gray gur e deogh rud a tha seo dhan a' bhaile a bhitheas a' talladh luchd-turais.
Thèid bhòtadh air adhart gu dihaoine an darna là dhen Ghiblean 's fosgailte do dhuine sam bith air monopoly@winningmoves.co.uk agus tha dùil gum bi a' gheam fhèin anns an bùitean san Dàmhair.
Bho BBC ALBA
