Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Co-labhairt: ‘Bho Plana gu Gnìomh’ (12.3.10)


Theid Co-labhairt air ‘Bho Plana gu Gnìomh’ a chumail le Bòrd na Gàidhlig air an 20mh den Chèitean ann an Inbhir Nis, le fiathachadh ga chur gu buidhnean Gàidhlig agus buidhnean eile leithid ùghdarrasan ionadail a tha an sàs ann an leasachadh a’ chànain.


’Se latha fiosrachaidh a bhitheas ann airson duine sam bith a tha ag iarraidh barrachd fiosrachadh air pròiseactan ùra a tha a’ brosnachadh na Gàidhlig agus gu h-àraidh air na dòighean maoineachaidh airson planaichean agus pròiseactan a chur an gnìomh.


Air an latha bi seiseanan fiosrachaidh ann air diofar cuspairean agus mu diofar phròiseactan agus aig deireadh an latha, a’ coimhead air adhart chun ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.


Thuirt Art MacCarmaig, cathraiche Bòrd na Gàidhlig:

“Thèid an latha seo a chumail airson daoine a tharraing còmhla gus beachdachadh mun t-slighe air adhart ann a bhith a’ co-obrachadh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh. Bidh sinn cuideachd a’ leantainn air còmhraidhean mu fheumalachdan nan coimhearsnachdan a thòisich nuair a bha co-labhairt shoirbheachail againn ann am Breascleit san t-Sultain 2008. Tha sinn an dòchas prògram a chur ri chèile a thogas inntinn dhaoine agus a bheireadh dhaibh cothrom deasbad a thogail cuideachd.”


Mu tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachadh air an co-labhairt, cur fios gu Bòrd na Gàidhlig aig fios@gaidhlig.org.uk neo cur fòn air 01463 225454.


How to get your Gaelic plans into action


Bòrd na Gàidhlig will be inviting Gaelic bodies, local authorities and communities to a conference ‘From Plans to Action’ in Inverness on the 20th May 2010.


The day is for anyone with an interest in developing Gaelic and will consist of information sessions on various subjects and information on the different projects. The end of the day will also look towards the next National Plan for Gaelic.


Arthur Cormack, chairman of Bòrd na Gàidhlig explained:

‘The conference will give us an opportunity to bring together everyone involved in promoting and developing the language to discuss a way forward on how we can work together to increase the number of Gaelic-speakers. We will continue to look at the needs of the communities that arose from our last conference in Breascleit back in September 2008 and hope that this conference will give people the same opportunity to voice their ideas, views and opinions on a way forward.’


For more information on the conference, please contact Bòrd na Gàidhlig on 01463 225 454 or by email at fios@gaidhlig.org.uk.


Follow us on: