Deasbad mun Ghàidhlig an Gallaibh (17.3.10)
Thèid deasbad poblach a chumail ann an Gallaibh an ath-sheachdain mar oidhirp air barrachd fiosrachaidh mun Ghàidhlig a thoirt don choimhearsnachd.
Tha aithrisean air a bhith ann thairis air na mìosan a dh'fhalbh mu nàimhdeas don Ghàidhlig ann an Gallaibh, far a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu bhith a' gabhail àite am bliadhna.
'S e comataidh ionadail a' Mhòid a th' air cùlaibh an deasbaid.
Thuirt fear-gairm na comataidh, Rèamonn Bremner, gun toireadh seo cothrom do mhuinntir na coimhearsnachd agus do na buidhnean poblach coinneachadh ri chèile gus beachdachadh air àite na Gàidhlig ann an Gallaibh.
Soilleireachadh
'S i an craoladair Lesley Riddoch a bhios na cathraiche air an deasbad.
Bidh cothrom aig an fheadhainn a bhios an làthair ceistean a chur air a' phanal air am bi riochdairean bho na buidhnean Gàidhlig.
"Aig deireadh an là, tha sinn an dòchas mar thoradh air an deasbad seo gum bi barrachd tuigse aig daoine mun chànan agus am pàirt a th' aice anns an sgìre," thuirt Mgr Bremner.
Bidh an deasbad a' gabhail àite air Disathairne, an 27mh am Màrt aig 2:00f ann an Taigh-òsta MhicAoidh ann an Inbhir Ùige.
