Seirbheisean aiseig a bharrachd do Bharraigh is Tiriodh (22.7.10)
Cuiridh a' chompanaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhriuthainn seirbheisean aiseig a bharrachd air dòigh do Bharraigh agus Tiriodh airson fèisean ciùil a fhrithealadh.
Thèid seirbheisean a bharrachd - MV Loch Nibheis nam measg, is i gu bhith a' seòladh eadar Malaig is Bàgh a' Chaisteil - a chur air dòigh eadar 28mh agus 30mh an t-Iuchair, airson Barrafest.
Cuirear seirbheisean a bharrachd gu Tiriodh eadar 24mh agus 25mh an t-Iuchair, airson Fèis Chiùil Thiriodh.
Tha muinntir an dà eilein air a bhith a' gearain mun t-seirbheis aiseig eadar-amail a th' aca fhad 's a tha MV Clansman ga càradh as dèidh dhi briseadh bho chionn còrr is mìos.
"Is dòrainneach leinne na triobaidean a th' aig MV Clansman cuideachd, agus tha sinn a' dèanamh na 's urrainn dhuinn airson na duilgheadasan a lùghdachadh," thuirt Àrd-Stiùiriche Chal Mac, Phil Preston.
"Dh'fhaodadh gum feum planaichean luchd-siubhail a bhith beagan sùbailte, ach tha sinn cinnteach gun tuig iad na h-oidhirpean a thathas a' dèanamh airson aiseag a thoirt dhaibh dha na tachartasan seo," thuirt e.
Faodar ticeadan a th' air an ceannach mar thà a chleachdadh air seirbheisean eile ma thèid iad sin a chur air dòigh le Cal Mac.
Bho BBC ALBA
