Urras airson seirbheisean cultair air a' Ghàidhealtachd
Dh'fhaodadh gun tèid seirbheisean cultair is cur-seachadan Chomhairle na Gàidhealtachd a ruith le urras san àm ri teachd.
Le gearraidhean mòra air fàire, tha buill Lib-Deamach na Comhairle a' moladh urras a stèidheachadh airson rudan mar ionadan coimhearsnachd, amaran snàimh agus leabharlainn a ghabhail thairis bhon ùghdarras ionadal.
Tha buidhnean sa choimhearsnachd mar thà air a bhith ag iomairt airson na goireasan is na seirbheisean sin a chumail.
Thèid bruidhinn air na planaichean aig coinneimh de Chomataidh an Fhoghlaim, a' Chultair is na Spòrs an ath-sheachdain.
Tha a' bhuidheann Lib-Deamach an dòchas gun deadh an t-urras a stèidheachadh ron Earrach 2011, taobh a-staigh na bliadhna-ionmhais seo fhèin.
'S e urras le inbhe charthannais a bhiodh fa-near don bhuidhinn Lib-Deamach, a dh'fhàgadh e comasach don urras maoin-airgid agus taic eile fhaighinn nach eil e ceadaichte don Chomhairle fhaighinn.
Tha iad a' meas gun cùmhnadh an t-urras suas ri £700,000 sa bhlidhna dhan Chomhairle fhèin.
Bho BBC ALBA
