Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Dragh mu phlana crìonadh cladaich an Uibhist (30.08.10)


Tha dragh air muinntir Chille Bhrìghde agus Thaobh a' Chaolais ann an Uibhist a Deas mu phlana Chomhairle nan Eilean Siar airson cladach na sgìre a dhìon bho chrìonadh.


Chaidh an cladach a dhroch mhilleadh anns an stoirm mhòir ann an 2005.


Tha dragh gun dèan an obair a tha am beachd na Comhairle cron air sealladh an àite.


"Chan eil sinn builleach a' tuigsinn cò ris a tha e gu bhith coltach nuair a bhios e seachad," thuirt Dòmhnall Iain Caimbeul, a tha a' fuireach san sgìre.


Call na Tràghad


"Cha d'fhuair sinn an cothrom bruidhinn riutha mus do chuir iad an sgeama seo air bhonn.


"Tha na planaichean deiseil agus tha iad an dòchas tòiseachadh ann an ùine gu math goirid.


"Cha robh cothrom aig a' choimhearsnachd na planaichean fhaicinn ceart.


"Cha robh an trioblaid a tha seo againn roimhe gun do chuir iad Cabhsair Èirisgeigh a-steach. 'S e sin a rinn an cron.


"Chan eil ach aon fhosgladh beag. Tha e a' cumail neart na mara air ais, agus 's ann o chionn sin a tha crìonadh againn sa bhaile.


"Chan ann airson taighean a shàbhaladh a tha an obair idir, ach airson an rathaid mhòir.


"Mar a tha sinne ga fhaicinn, nan cosgadh iad beagan airgid air an rathad mhòr, agus a dhìon mar sin, gum biodh e gu math na b'fheàrr na coimhead na aonar.


"'S ann a tha iad a' dol a chosg airgid an-dràsta air a' bhalla chloiche a tha seo a chur a-mach, agus tha sinn a' dol a chall na tràghad, cha-mhòr sa bhaile air fad, cha bhi ann ach clach.


"Fhuair sinn taic bhon Chomh. Dòmhnall Manford, agus 's e fhèin a thuirt gur dòcha gun dèanadh e feum an rathad a thogail ann am pìos beag dheth.


"Bha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gum faigh tractair gu cladach fhathast," thuirt e.


Bidh coinneamh aig a' choimhearsnachd ris a' Chomhairle air an ath-mhìos.


Bho BBC ALBA


Follow us on: