Colaiste ùr ga cur air bhonn (31.8.10)
Thèid colaiste ùr air taobh siar na Gàidhealtachd a chur air bhonn gu h-oifigeil Dimàirt.
Tha Colaiste OGE Loch Abair, agus Colaiste an Eilein Sgitheanaich agus Taobh Siar Rois gan toirt còmhla aig cruinneachadh ann an Geàrrloch.
Bidh a' cholaiste ùr mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Tha ceannardan OGE an dòchas gun toir a' cholaiste ùr barrachd roghainnean do dhaoine a th' airson cùrsaichean a dhèanamh san sgìre.
Chaidh an leasachadh a mhaoineachadh le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.
'S e seann Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, an Àrd-Oll. Tormod MacIllÌosa, a tha na chathraiche air a' bhòrd a tha a' stiùireadh stèidheachadh na colaiste ùire.
Tha e ag ràdh gu bheil tuilleadh atharrachaidhean ann an sòlarachadh foghlaim aig àrd-ìre san amharc.
"Cruthaichidh sinn barrachd ionadan ionnsachaidh, agus leasaichidh sinn cuid mhath den fheadhainn a th' ann mar thà.
"Le bhith a' dèanamh sin, sgaoilidh sinn cothroman a bharrachd do dhaoine a dhol an sàs ann am foghlam air feadh na sgìre againn," thuirt e.
Bho BBC ALBA
