Casaid gu bheil Bòrd na Gàidhlig son cur às do ThAIC (8.9.10)
Chaidh cur as leth Bhòrd na Gàidhlig gu bheil iad air co-dhùnadh gun an còrr airgid a thoirt dhan bhuidhinn TAIC - Comhairle nan Sgoiltean Àraich mar a bh' orra - bhon Mhàirt an ath-bhliadhna.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Stiùiriche TAIC, Fionnlagh MacLeòid, gu bheil am Bòrd airson cur às dhan bhuidhinn a tha ag amas air Gàidhlig ionnsachadh do chloinn fo aois na bun-sgoile.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba:
"Tha plana gnìomha Bhòrd na Gàidhlig air a dhealbhachadh, ri linn iarrtais Mhinistearan, airson ginealach ùr de luchd-bruidhinn na Gàidhlig a chruthachadh.
"Tha e a' cur romhpa àireamhan luchd-bruidhinn na Gàidhlig àrdachadh, gus àm ri teachd seasmhach a thoirt don chànan.
"Mar a tha am plana a' cur an cèill, tha sinn ag aontachadh gu bheil bliadhnaichean tràtha fìor chudromach ann a bhith a' cruthachadh a' ghinealaich ùir seo, agus tha sinn taiceil do na tha am Bòrd a' dèanamh gus dèanamh cinnteach gun tèid ionmhas a chosg gu h-èifeachdach san raon seo," thuirt e.
Bho BBC ALBA
