Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

naidheachdan mygaelic.commygaelic.com news [rss]

Comhairle gus £17m a bharrachd a ghearradh (10.9.10)


Thàinig rabhadh gu bheil gearraidhean ann an seirbheisean air a' Ghàidhealtachd gu bhith tòrr nas miosa na bha dùil.


Chuir a' Chomhairle romhpa mar thà £60m a ghearradh thairis air an ath thrì bliadhna.


Ach tha coltas a-nis ann gum bi e nas fhaisge air £80m.


Tha a' Chomhairle mar thà air £6m a bharrachd na bha dùil a chomharrachadh, agus chuala iad Diardaoin an t-seachdain seo gum feumar £11m eile a lorg a bharrachd air sin.


Ath-sgrùdadh


'S ann ri linn cho luath 's a tha Riaghaltas na Co-bhanntachd ann an Westminster a' gearradh fiachan na dùthcha, a tha cùisean a' fàs nas teanna, a rèir a' Chomh. Lib-Deamaich, Ailig Greumach.


"Tha seo ag èirigh a-mach à buidseat a chaidh troimhe ann an Lunnainn san Ògmhios, a tha a' ciallachadh gu bheil airgead na h-Alba a' dol a bhith air a ghearradh nas motha na bha dùil ron a sin," thuirt e.


"Tha buaidh aig sin air Alba air fad agus na Comhairlean gu h-àraid.


"Tha sin a' ciallachadh gu bheil £11m a bharrachd againn ri lorg na bha dùil.


"Tha iad a-nis an dèidh iarraidh air na roinnean am broinn na Comhairle coimhead airson sàbhalaidhean a-rithist, agus barrachd a shàbhaladh na chaidh iarraidh orra ron a seo," thuirt e.


Tha Mgr Greumach an dùil gum faicear gearraidhean air seirbheisean a tha a' Chomhairle a' toirt seachad cuideachd, le cho mòr 's a tha an t-suim a dh'fheumas iad lorg.


Tha dùil gum faighear a-mach fiosrachadh cinnteach mu na dh'fheumas a' Chomhairle a lorg san Dàmhair, nuair a dh'fhoillsicheas Riaghaltas Westminster torraidhean an Ath-sgrùdaidh Iomlain air Cosg.


"As dèidh sin bheir e dhà no trì sheachdainnean a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba, agus as dèidh sin, tha mi a' creidsinn san t-Samhainn, bidh fios aig na Comhairlean dè an t-airgead a bhios aca sna bliadhnaichean ri teachd," thuirt e.


Bho BBC ALBA


Follow us on: