PLANA GÀIDHLIG AIR A CHUR AIR BHOG LE SQA
Chuir Ùghdarras Theisteanas Alba (SQA) a Phlana Gàidhlig air bhog
Tha Planaichean Gàidhlig nam prìomh phàirt den roi-innleachd a tha ann gus Plana Nàiseanta Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a liubhairt.
Chaidh iad seo a chur ri chèile chor is gun toirear inbhe thèarainte don chànan, mar a tha an amharc aig Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha Achd na Gàidhlig 2005 agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig cudtromach bunaiteach a thaobh cur an comas SQA agus nam buidhnean a tha an compàirteachas leis plana soirbheachail a chruthachadh los gum mair an cànan, chan ann a-mhàin an Alba ach gu eadar-nàiseanta.
Fo Achd 2005 feumaidh buidhnean poblach ullachadh am Plana Gàidhlig a thoirt gu aire gach buidheann aig a bheil gnothach ris. Fhuair SQA comhairle an t-sluaigh air dreachd den phlana aige air feadh ochd seachdainean ann an 2009 agus chuir iad na fhuair iad de dh'fhiosrachadh an àireamh ri linn pròiseas a' chomhairleachaidh.
Thuirt Àrd-Oifigear SQA, An Dr. Seonag NicIlleDhuinn:
“Tha mi glè thoilichte bogadh ar Plana Gàidhlig ainmeachadh. 'S e amas a' phlana taic is aitheantas a thoirt do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh Gàidhlig de gach aois agus iad a' dol an lùib siostam foghlaim is teisteanasan na h-Alba gu deimhinneach. Crochaidh soirbheas ar plana gu mòr air a bhith a' cumail agus a' cur ris a' chom-pàirteachas làidir eadar SQA is ar n-ionadan-foghlaim, agus air a' choobrachadh dhlùth dheimhinneach againn leis na buidhnean a tha co-cheangailte rinn.
“Gu sònraichte, nì ar plana cinnteach gun cùm SQA a thaic chudtromach ri prìomh amasan Bhòrd na Gàidhlig, 's e sin, leudachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, foghlam luchd-ionnsachaidh òg sna sgoiltean agus foghlam Gàidhlig do dh' inbhich."
Aithnichidh SQA cho cudtromach 's a tha e taic a thoirt do na h-amasan a tha mar phàirt de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Mar phrìomh phàirt den rud seo tha leasachadh Roi-innleachd Foghlaim na Gàidhlig aige.
Tha SQA ag obair air na ceithir prìomh amasan nàiseanta don Ghàidhlig, 's e sin, Togail-cànain, Cleachdadh, Inbhe agus Corpas na Gàidhlig.
Cho math ri teisteanan Gàidhig a thairsginn do luchd-ionnsachaidh is do dh'fhileantaich, tha SQA air cur roimhe gum meudaichear raon chuspairean is ìrean mar a leudaicheas iarrtas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
An ceartuair, tha SQA a' tabhann cuid de na deuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig; Cruinn-eòlas, Eachdraidh, Matamataig agus Foghlam Co-aimsireil aig An Ìre Choitcheann agus Matamataig aig An Àrd Ìre.
Faodar Plana Gàidhlig SQA a lorg aig www.sqa.org.uk/gaelic
SQA LAUNCHES GAELIC LANGUAGE PLAN
The Scottish Qualifications Authority (SQA) has launched its Gaelic Language Plan.
Gaelic Language Plans are a key component of the strategy intended to deliver the Scottish Government’s National Plan for Gaelic.
These are designed to secure the status of the language envisioned by the Scottish Government and Bòrd na Gàidhlig.
The Gaelic Language Act of 2005 and the National Plan for Gaelic are of fundamental importance in enabling SQA and its partner organisations to plan successfully for a sustainable future for the language, not just in Scotland but on the international stage.
The 2005 Act requires public bodies to bring the preparation of its Gaelic Language Plan to the attention of all interested parties. SQA consulted publicly on the draft of its plan for a period of eight weeks in 2009 and took into account representations made to it during the consultation process.
SQA Chief Executive, Dr Janet Brown said:
“I am very pleased to announce the launch of our Gaelic Language Plan. The plan seeks to support and recognise Gaelic speakers and learners of all ages as they positively engage with Scotland's education and qualifications system. The success of our plan depends very much on continuing and enhancing the strong partnership between SQA and our delivering centres and on the close, positive collaboration with our partner agencies.
“In particular, our plan ensures that SQA will continue to play an integral part in supporting Bòrd na Gàidhlig's key national priorities of expanding Gaelic-medium education, Gaelic learner education in schools and Gaelic education for adults”.
SQA recognises the importance of supporting the aspirations and objectives included in the National Plan for Gaelic and the Gaelic Language (Scotland) Act 2005. A key part of this is the development of its Gaelic Education Strategy.
SQA is working across the four national aims for Gaelic which are Language Acquisition, Usage, Status and Corpus.
As well as offering qualifications in Gaelic to learners and fluent speakers, SQA is committed to a planned expansion of subjects and levels as Gaelic Medium candidate numbers increase.
Currently, SQA offers a number of examinations in the medium of Gaelic; Standard Grade Geography, History, Mathematics, Modern Studies and Higher Mathematics.
The SQA’s Gaelic Language Plan can be accessed via www.sqa.org.uk/gaelic
