Poileasaidh Prìobhaideachd mygaelic.com
’S e a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig: buidheann poblach neo-roinneil a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a tha ag obair fo ùghdarras Ministearan na h-Alba agus e stèidhichte aig Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis, IV2 7PA (“sinn(e)”). Agus tha sinn ag amas air ur prìobhaideachd a ghleidheadh nuair a tha sibh a’ cleachdadh an làraich-lìn www.mygaelic.com (an “Làrach”). Leughaibh am poileasaidh prìobhaideachd (“Poileasaidh Prìobhaideachd”) a leanas le ur toil gus tuigsinn mar a chleachdas sinn am fiosrachadh a bheir sibh dhuinn agus mar a nì sinn dìon air.
Le bhith a’ cleachdadh an làraich-lìn seo (an “Làrach”) tha sibh ag aontachadh gun tèid do chuid fiosrachaidh a chruinneachadh, a stòradh, a chleachdadh agus a ghluasad a rèir riaghailtean a’ Phoileasaidh Prìobhaideachd seo.
Fiosrachadh a Gheibh Sinn Bhuaibh
Tha sinn a’ trusadh fiosrachadh mur deidhinn:
- nuair a chlàras sibh còmhla rinn, nuair a dh’iarras sibh seirbheisean no nuair a bheir sibh fiosrachadh pearsanta (mar ur n-ainm, fiosrachadh conaltraidh, seòladh post-d m.s.a.a.) dhuinn aig amannan eile; agus
- nuair a tha sibh a’ cleachdadh an Làraich agus bho fhiosrachadh sam bith eile a chuireas sibh air an Làrach, ann am puist-d no a chuireas sibh thugainn tro shiùil eile.
Mar a Chleachdar Ur Fiosrachadh
Bidh sinn a’ cleachdadh ur fiosrachaidh:
- gus am bi sinn comasach air na seirbheisean agus fiosrachadh a dh’iarr sibh a thoirt dhuibh;
- gus sgrùdadh a dhèanamh air an fhiosrachadh a thrusas sinn air chor ’s gun urrainn dhuinn ar n-obair agus ar seirbheisean a riaghladh, adhartachadh agus a leasachadh agus taic a chumail ri ar n-obair:
- gus fios a chur thugaibh le fiosrachadh mu ar bathar agus seirbheisean, no bathar is seirbheisean dhaoine eile a thèid a thaghadh gu cùramach leinn agus sinn a’ smaoineachadh ’s dòcha gum bi ùidh agaibh annta;
- gus cothrom a thoirt dhuibh a dhol an sàs ann an earrannan sònraichte de ar Làrach;
- airson adhbharan eile a tha iomchaidh do choileanadh ceart ar n-obrach agus ghothaichean; agus
- gus fios a chur thugaibh a’ sireadh ur beachdan air ar bathar is seirbheisean.
’S math dh’fhaodte gun cuir sinn fios thugaibh tron phost no air a’ fòn, a thuilleadh air a’ phost-d. Ma dh’atharraicheas sibh ur n-inntinn a thaobh sinne bhith a’ cur fios thugaibh ann an gin de na dòighean seo san àm ri teachd, leigibh fios dhuinn le ur toil.
Poileasaidh airson Fiosan gus Susbaint a Thoirt A-nuas
Ma thachras gum faighear Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas ri linn susbaint sam bith a chuir sibhse suas air an Làrach no aig an robh gnothach agaibh ris a dhol suas, tha sibh a’ toirt cead dhuinn ur fiosrachadh conaltraidh pearsanta a thoirt seachad an lùib sgrùdadh sam bith air foill, bristeadh chòraichean seilbh inntleachdail, copaigeadh mì-laghail, dìmeas pearsanta no dol-a-mach mì-laghail sam bith eile. Cha toirear seachad an leithid a dh’fhiosrachadh ach nuair a dh’fheumas sinn a rèir an lagha. Nuair a thachras sin, ’s math dh’fhaodte, mas ’s fheudar dhuinn, gun toir sinn seachad ur n-ainm, seòladh na dachaigh agaibh agus an seòladh post-d agaibh don neach a tha a’ gearan no do na daoine a tha a’ riochdachadh an neach a tha a’ gearan.
Foillseachadh Coitcheann Ur Fiosrachaidh
Bidh sinn a’ gabhail ris an fhiosrachadh a bheir sibh dhuinn mar rud a tha dìomhair. Ge-tà, ’s dòcha gum foillsich sinn ur fiosrachadh, airson na h-adhbharan a chìthear sa Phoileasaidh Prìobhaideachd seo, do dhaoine eile a tha ag obair às ar leth, no airson adhbharan eile a dh’aontaicheas sibh.
Ma thachras gun tèid ar gnìomhachas an co-bhuinn ri buidheann-gnìomhachais eile no ma thèid a reic no a chur an lùib gnìomhachas eile, ’s dòcha gun tèid ur fiosrachadh a thoirt do ar luchd-compàirt no ar luchd-seilbh ùra.
Mura feum sinn a rèir an lagha, cha roinn sinn, cha reic sinn no cha sgaoil sinn pàirt sam bith den fhiosrachadh a bheir sibh dhuinn gun cead bhuaibh.
Ur Susbaint
Ma chuireas sibh fiosrachadh sam bith air a’ chuibhreann eadar-ghnìomhail den Làrach, dèiligear ris an fhiosrachadh sin a rèir nan taghaidhean prìobhaideachd a roghnaich sibh air an Làrach. Tha an t-uallach oirbhse nuair a tha fiosrachadh air a sgaoileadh a rèir nan taghaidhean prìobhaideach seo.
Nuair a tha sibh a’ roghnachadh nan taghaidhean prìobhaideachd agaibh, smaoinichibh gu faiceallach cia mheud duine as urrainn ’s dòcha coimhead air an fhiosrachadh a chuireas sibh suas, agus am bi e sàbhailte an seòrsa fiosrachaidh sin a chur am fianais a’ mhòr-shluaigh? Tha sinn a’ moladh nach bu chòir dhuibh seòladh na dachaigh agaibh, àireamh fòn, ur co-là-breith no far a bheil ur sgoil fhoillseachadh ann an dòigh a dh’fhaodadh strainnsearan fhaicinn.
Cuimhnichibh le ur toil, gur e ‘prìobhaideach’ an taghadh prìobhaideach àbhaisteach mura h-atharraich sibh fhèin e.
Criomagan
’S e th’ ann an “criomag” (cookie) prògram beag a cheanglas ris a’ choimpiutair agaibh agus a chuimhnicheas air fiosrachadh a thaobh mar a tha an coimpiutair agaibh air a eagrachadh.
Tha sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gus sùil a chumail air mar a ghluaiseas sibh tron Làrach, gus am faigh sinn a-mach mu mar a chleachdar an Làrach, gus tomhas dè cho feumail ’s a tha e, agus gus stad a chur air foill. Chan eilear a’ cruinneachadh fiosrachadh pearsanta mur deidhinn nuair a tha seo a’ tachairt.
Faodaidh sibh casg a chur air na criomagan againne, ma tha an roghainn sin agaibh sa bhrobhsair agaibh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a nì sibh seo, coimheadaibh air www.allaboutcookies.org le ur toil. Ge-tà, bu chòir dhuibh cuimhneachadh ma chuireas sibh casg air na criomagan againn, ’s dòcha nach tèid agaibh air cuid de na seirbheisean air-loidhne againn a chleachdadh.
Làraich-lìn Dhaoine Eile
Seach gu bheil sinn ag iarraidh gum faigh sibh na ghabhas de dh’fhiosrachadh agus de dh’fheum bhon Làrach againn nuair a thadhlas sibh, ’s math dh’fhaodte gun toir sinn seachad ceanglaichean ri làraich-lìn air an cumail le daoine eile (“Làraich-lìn Dhaoine Eile”). Cuimhnichibh nach eil smachd againne air Làraich-lìn mar sin aig daoine eile agus ’s dòcha gum bi na criomagan aca fhèin aig Làraich-lìn Dhaoine Eile, no gun cruinnich iad dàta no fiosrachadh pearsanta bhuaibh. Chan eil e an urra rinne ann an dòigh sam bith dè na dòighean a dh’fhaodadh a bhith aig Làraich-lìn Dhaoine Eile, a’ gabhail a-steach an fheadhainn dha bheil ceangal a’ nochdadh air an Làrach againn, fiosrachadh a thrusadh; agus tha sinn a’ moladh gum bu chòir dhuibh coimhead air poileasaidh prìobhaideachd gach Làrach-lìn aig daoine eile mus toir sibh seachad fiosrachadh pearsanta sam bith.
Tèarainteachd
Tha sinn a’ cur siùil thèarainteachd an gnìomh gus ur fiosrachadh a dhìon bho dhaoine gun chead coimhead air, bho bhith ga chleachdadh ann an dòigh mhì-laghail, bho bhith ga chall tro thubaist, milleadh no bho bhith a’ cur às dha.
Cuidichibh sinn le ur toil a bhith a’ cumail ar fiosrachadh ceart le bhith ag innse dhuinn mu sheòladh post-d ùr sam bith no atharrachadh sam bith eile nur fiosrachadh conaltraidh. Atharraichean Nar Poileasaidh Prìobhaideachd
’S dòcha gun atharraich am Poileasaidh Prìobhaideachd seo bho àm gu àm. Ma nì sinn atharraichean mòra sam bith, innsidh sinn dhuibh le bhith a’ cur fios follaiseach air ar Làrach.
Na Còraichean Agaibh
Tha a’ chòir agaibh iarraidh oirnn lethbhreac den fhiosrachadh a th’ againn nar clàran a chur thugaibh, agus ’s dòcha gum bi cosgais bheag an lùib seo. Tha a’ chòir agaibh cuideachd iarraidh oirnn mearachdan sam bith nur fiosrachadh a chur ceart.
Fios Thugainn
Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh ur fiosrachaidh pearsanta, no a thaobh mar a tha sinn a’ cleachdadh ur fiosrachaidh, cuiribh fios thugainn le ur toil aig admin@mygaelic.com.
