Cùmhnantan is Riaghailtean mygaelic.com
’S e Bòrd na Gàidhlig, buidheann poblach neo-roinneil a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a tha a’ buileachadh an làraich-lìn seo (an “Làrach”), agus am Bòrd ag obair fo ùghdarras Ministearan na h-Alba agus e stèidhichte aig Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis, IV2 7PA (“sinn(e)”). ’S ann fo rian nan cùmhnantan agus riaghailtean (na “Cùmhnantan agus Riaghailtean”) seo a chleachdar an Làrach. Leughaibh iad an-dràsta le ur toil. Mura h-eil sibh deònach gabhail ris na Cùmhnantan agus Riaghailtean seo, chan fhaod sibh an Làrach a chleachdadh.
Ma thèid gin de na Cùmhnantan agus Riaghailtean a bhristeadh, ’s math dh’fhaodte gun caill sibh cead, agus againne a-mhàin an co-dhùnadh, a dhol air an Làrach airson ùineachan, no gun tèid ur casg uile gu lèir bho bhith ga chleachdadh.
Casg Aoise
’S ann do dhaoine aois 12 agus nas sine a-mhàin tha an earrann den Làrach le “An Cunntas Agam”. Ma tha thu aois 12 gu 15, feumaidh tu cead fhaighinn bho do phàrant no neach-gleidhidh mus urrainn dhut “An Cunntas Agam” a chleachdadh.
Chan fhaod thu clàradh airson “An Cunntas Agam” air-loidhne mura h-eil thu 16 no nas sine. Ma tha thu eadar 12 is 15 bliadhna a dh’aois, bidh cead agad clàradh airson “An Cunntas Agam” aon uair ’s gu bheil sinn air foirm ceadachaidh phàrantan fhaighinn bho do phàrant no neach-ghleidhidh leis an ainm-sgrìobhte aca. Ma tha thu fo aois 12 bliadhna a dh’aois, chan fhaod thu clàradh airson “An Cunntas Agam”.
Faodaidh sinn fianais iarraidh ort uair sam bith airson dearbhadh dè an aois a tha thu. Ma tha sinn den bheachd gu bheil thu fo aois 12 no fo aois 16 gun chead ceart bho do phàrant no neach-gleidhidh, ’s dòcha gun cuir sinn às don chlàr-aithne agad agus gun cuir sinn casg ort tadhal air an Làrach airson ùineachan gun rabhadh.
Dol às Àicheadh
’S ann mar fhiosrachadh coitcheann a-mhàin a thathar a’ buileachadh an Làraich agus a chuid susbaint, agus am fiosrachadh sin “mar a tha e” agus stèidhichte air “na a tha ri fhaotainn”. Chan eil dad air an Làrach a tha na mholadh no na chomhairle, agus cha ghabhar ris mar mholadh no comhairle. Dha rèir, chun na h-ìre as motha a cheadaicheas an lagh, tha sinn a’ seachnadh a h-uile mìneachadh-tagraidh, barrantas, cùmhnant agus aonta eile. Gu sònraichte, chan eil sinn a’ toirt barrantas, mìneachadh-tagraidh no gealladh sam bith mu:
- shusbaint sam bith air an Làrach (agus seo a’ gabhail a-staigh, gun chuing agus air fad, dè cho math, pongail, co-aimiseireil, iomlan no freagarrach airson adhbhar sam bith agus a tha an leithid a shusbaint); no
- shusbaint sam bith bho làraich-lìn eile air a bheil iomradh air an Làrach no ris a bheil ceangal tro hypertext air an Làrach.
Chan eil sinn a’ gealltainn ann an dòigh sam bith nach bi bhìorasan coimpiutair air an Làrach. Thathar a’ moladh gu làidir gun dèan sibh cinnteach nach eil an leithid a bhìorasan air an Làrach mus toir sibh susbaint sam bith a-nuas bhuaithe.
Ceanglaichean
Tha ceanglaichean air an Làrach gu làraich-lìn eile air an cumail le daoine eile (“Làraich-lìn Dhaoine Eile”). Chan eil smachd againne air Làraich-lin Dhaoine Eile, agus chan eil an t-susbaint aca an urra rinn. Ma nochdas an leithid a cheanglaichean, chan eil sin a’ ciallachadh gu bheilear a’ moladh no a’ cur seula ri am bathar, fiosrachadh, stuthan no seirbheisean sam bith a thathar a’ tabhann no a’ toirt seachad air Làraich-lìn Dhaoine Eile, no a’ moladh no a’ cur seula ri bhith a’ conaltradh, no ri bhith a’ dèanamh cheanglaichean ris na daoine a tha a’ cumail nan làrach-lìn sin.
Coire
Chan eil sinn a’ gabhail ri coire sam bith airson tairgsean, peanasan, call, milleadh no cosgaisean, às bith ciamar a dh’èirich iad bho: bhith a’ cur earbsa ann an susbaint an Làraich; bho bhith cleachdadh an Làraich no eu-comas a chleachdadh; bho bhith a’ toirt stuthan sam bith a-nuas bhon Làrach; no bho bhith tadhal air no ag atharrachadh an Làraich gun chead. Tha an cumha seo a’ gabhail a-staigh coireachadh airson bàs no goirteachadh neach a tha air adhbharachadh tro ar neo-chùram.
Sealbh Inntleachdail
Tha susbaint an Làraich (a’ gabhail a-staigh, ach chan e seo a-mhàin, gach pìos teacsa agus obair-ealain) fo dhìon chòraichean foillseachaidh. ’S ann againne a tha na còraichean glèidhte no tha sinn air cead fhaighinn bho neach/buidheann eile aig a bheil na còraichean. Tha comharran-malairt, an dà chuid clàraichte agus neo-chlàraichte, air an Làrach a tha nar seilbh no dha bheil cead againn an cleachdadh.
Faodaidh sibh coimhead air cuibhreann sam bith den Làrach no an cuibhreann sin a thoirt a-nuas far an eadar-lìon airson adhbharan prìobhaideach, ach chan eil cead agaibh, gun aonta fhaighinn:
- an Làrach, no pàirt sam bith den Làrach, a stòradh airson adhbhar sam bith eile;
- lethbhreacan den Làrach, no pàirt sam bith den Làrach, a chlò-bhualadh airson adhbhar sam bith eile;
- lethbhreac den Làrach, no pàirt sam bith den Làrach, a dhèanamh, a chopaigeadh no a sgaoileadh, ann an dòigh sam bith, airson adhbhar sam bith eile no ann am meadhan sam bith eile.
Tha gach còir eile, nach deach a bhuileachadh gu soilleir, glèidhte.
Susbaint Luchd-cleachdaidh
Tha na h-earrannan “An Cunntas Agam” agus “Sgrìobhaidhean Luchd-cleachdaidh” a’ toirt cothrom dhuibh susbaint a chur thugainn a chuireas sinn suas air an Làrach (“Susbaint Luchd-cleachdaidh”).
Le bhith a’ cur Susbaint Luchd-cleachdaidh thugainn, bithear a’ gabhail ris gu bheil sibh:-
(i) a’ toirt barrantas dhuinn gu bheil gach pìos den fhiosrachadh a bheir sibh dhuinn nuair a chlàras sibh fìor agus ceart, agus seo a’ gabhail a-staigh dearbhadh aois ma tha thu fo 16
(ii) a’ toirt dhuinn cead an Susbaint Luchd-cleachdaidh seo atharrachadh a rèir ar toil;
(iii) a’ toirt dhuinn cead, nach gabh a thoirt air ais, an t-Susbaint Luchd-cleachdaidh agaibh a chleachdadh agus fhoillseachadh gun dhuais air feadh an t-saoghail airson adhbhar sam bith co-cheangailte ri ar n-amas farsaing, cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh, fhàs agus a leasachadh ann an Alba agus air feadh an t-saoghail;
(iv) a’ cur às, gu bràth, do chòraichean moralta sam bith a dh’fhaodadh a bhith agaibh airson an leithid a Shusbaint Luchd-cleachdaidh a rèir Caibideil IV Pàirt I de Achd Chòraichean, Dhealbhaidhean agus Clàran Còrach 1988, agus a rèir chòraichean ceudna a th’ ann ann an ceàrnaidh sam bith den t-saoghal; agus
(v) a’ gealltainn dhuinn gur ann agaibhse a tha gach còir glèidhte airson na Susbaint Luchd-cleachdaidh agaibh agus gu bheil còir agaibhse air sealbh inntleachdail na Susbaint, gur e an obair agaibh fhèin a th’ anns an t-Susbaint Luchd-cleachdaidh agaibh agus nach eil an t-Susbaint Luchd-cleachdaidh a’ bristeadh chòraichean (nam measg na còraichean seilbh inntleachdail) aig duine sam bith eile.
Chan eil sinn a’ gealltainn gun tèid smid den t-Susbaint Luchd-cleachdaidh a chuireas sibh thugainn a chur suas air an Làrach.
Cuimnichibh gur ann mar fhiosrachadh a-mhàin a nochdas beachdan bho luchd-cleachdaidh eile a dh’fhaodar a chur suas air an Làrach agus cha bhi na beachdan seo daonnan a rèir ar beachdan fhèin.
Giùlain/Modh an Neach-cleachdaidh
Bidh sibh a’ gealltainn:-
- nach cleachd sibh an Làrach airson adhbhar mì-laghail sam bith, no a dh’fhaodadh tàire, dragh no iomagain adhbhrachadh do neach sam bith agus seo a’ gabhail a-staigh sgaoileadh stuth a nì dìmeas air neach sam bith; agus
- nach cleachd sibh an Làrach gus fiosrachadh sam bith a sgaoileadh, a roinn no a dhèanamh so-ruigsinn, a tha an aghaidh lagha sam bith no còir laghail neach sam bith, agus seo a’ gabhail a-staigh, ach chan e a-mhàin, dlighe-sgrìobhaidh, comharran-malairt, còraichean prìobhaideachd no còraichean pearsanta no seilbh sam bith eile.
Poileasaidh airson Fiosan gus Susbaint a Thoirt A-nuas
Tha an earrann seo de Chùmhnantan agus Riaghailtean a’ cur an cèill ar poileasaidh a thaobh a bhith a’ cur às do Shusbaint Luchd-cleachdaidh (ar “Poileasaidh airson Fiosan gus Susbaint a Thoirt A-nuas”). Ma thachras gu bheil sibh a’ smaoineachadh gun do rinn neach-cleachdaidh eile dìmeas air ur còraichean le rud a rinn iad, tha e na amas dhuinn dèiligeadh ri gach eisimpleir de bhith a’ bristeadh chòraichean foillseachaidh, no susbaint sam bith a tha a’ dèanamh dì-meas air daoine no eile tro ar Poileasaidh airson Fiosan gus Susbaint a Thoirt A-nuas.
Ma tha sibh a’ smaoineachadh gun tèid aig daoine an obair agaibh a thoirt a-nuas bhon Làrach agus seo a’ bristeadh ur còraichean foillseachaidh, no gun do nochd beachdan drabasta no a tha a’ dèanamh dìmeas oirbh air an Làrach, faodaidh sibh Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas a chur a-steach. Feumaidh am fiosrachadh a leanas a bhith ann nuair a chuireas sibh a-steach Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas:
- comharraichibh le mìneachadh iomchaidh, dè an obair le còraichean glèidhte no sealbh inntleachdail a tha sibh a’ smaoineachadh a chaidh a chleachdadh gun chead air chor ’s gun urrainnear an t-susbaint a lorg air an Làrach. No, leigibh fhaicinn dhuinn càite a bheil na beachdan/faclan a tha sibh a’ smaoineachadh a tha drabasta no a’ dèanamh dìmeas air cliù chuideigin;
- ainm-sgrìobhte an neach, no an t-ainm-sgrìobhte aca ann an cruth dealain, a tha a’ dèanamh gearan;
- fiosrachadh conaltraidh gu leòr airson an neach a tha a’ dèanamh a’ ghearain, a’ gabhail a-steach an seòladh puist aca, àireamh fòn agus seòladh post-d.
Bu chòir Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas a chur thugainn aig admin@mygaelic.com.
Nuair a gheibh sinn Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas, nì sinn cinnteach nach urrainnear an t-susbaint a thathar ag ràdh a bhrist na riaghailtean fhaicinn, airson ùineachan no gu bràth, ma tha sinn ga mheas freagarrach sin a dhèanamh. Innsidh sinn cuideachd don duine a thathar ag ràdh a bhrist na riaghailtean mun ghearan agaibh.
Ma thachras gum faighear Fios gus Susbaint a Thoirt A-nuas ri linn susbaint sam bith a chuir sibhse suas air an Làrach no aig an robh gnothach agaibh ris a dhol suas, tha sibh a’ toirt cead dhuinn ur fiosrachadh conaltraidh pearsanta a thoirt seachad an lùib sgrùdaidh sam bith air foill, bristeadh chòraichean seilbh inntleachdail, copaigeadh mì-laghail, dìmeas pearsanta no dol-a-mach mì-laghail sam bith eile. Cha toirear seachad an leithid a dh’fhiosrachadh ach nuair a dh’fheumas sinn a rèir an lagha. Nuair a thachras sin, ’s math dh’fhaodte, mas fheudar dhuinn, gun toir sinn seachad ur n-ainm, seòladh na dachaigh agaibh agus an seòladh post-d agaibh don neach a tha a’ gearan no do na daoine a tha a’ riochdachadh an neach a tha a’ gearan.
“An Cunntas Agam”
Tha cuid a dh’earrannan de “An Cunntas Agam” a tha air an dìon le facal-faire a leigeas leibh coimhead air cuid den t-susbaint phearsanta agaibh. ’S ann an urra ribh fhèin a tha e am facal-faire agaibh agus an t-ainm-cleachdaidh agaibh a chumail dìomhair agus ’s ann an urra ribhse a tha rud sam bith a nìthear fon ainm-cleachdaidh agaibh no fon fhacal-faire agaibh.
Nuair a tha sibh a’ roghnachadh nan taghaidhean prìobhaideachd agaibh, smaoinichibh gu faiceallach cia mheud duine as urrainn ’s dòcha coimhead air an fhiosrachadh a chuireas sibh suas, agus am bi e sàbhailte an seòrsa fiosrachaidh sin a chur am fianais a’ mhòr-shluaigh? Tha sinn a’ moladh nach bu chòir dhuibh seòladh na dachaigh agaibh, àireamh fòn, ur co-là-breith no far a bheil ur sgoil fhoillseachadh ann an dòigh a dh’fhaodadh strainnsearan fhaicinn.
Ged a tha an Làrach a’ leigeil leibh taghaidhean prìobhaideachd a roghnachadh a tha a’ cur casg air mar a chì daoine na duilleagan agaibh, cuimhnichibh le ur toil nach eil siùil thèarainteachd sam bith a’ dol gur dìon gu h-iomlan. Dha rèir chan urrainn dhuinn smachd a chumail air gach rud a nì Luchd-cleachdaidh eile leis a bheil sibh a’ roghnachadh na duilleagan agus fiosrachadh agaibh a roinn, agus chan eil sinn a’ gealltainn nach fhaic daoine gun chead an t-Susbaint Luchd-cleachdaidh a chuireas sibh suas air an Làrach. Chan eil e an urra rinne ma gheibh cuideigin fuasgladh air na taghaidhean prìobhaideachd no siùil thèarainteachd a tha air an Làrach.
Cothrom air an t-Seirbheis
Fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh ar dìchill dèanamh cinnteach gu bheil an Làrach ri fhaotainn mar as àbhaist 24 uairean-a-thìde gach latha, chan eil sinn a’ barantachadh seo agus cha bhi coire oirnne ma thachras air adhbhar sam bith nach eil an Làrach ri fhaotainn airson ùine sam bith uair sam bith.
’S math dh’fhaodte nach bi an Làrach ri fhaotainn gun rabhadh airson greis ma thuiteas an siostam, no ma dh’fheumas obair gleidhidh no càraidh a dhèanamh air adhbharan nach urrainn dhuinn a leasachadh.
Poileasaidh Prìobhaideachd
Leughaibh ar Poileasaidh Prìobhaideachd le ur toil airson fiosrachadh mu mar a chleachdas sinn fiosrachadh mur deidhinn.
Atharraichean
Tha an còir againn na Cùmhnantan agus Riaghailtean atharrachadh no feadhainn ùra a chur nan àite uair sam bith. Ma nì sinn atharraichean mòra sam bith, innsidh sinn dhuibh le bhith a’ cur fios follaiseach air ar Làrach.
An Urra ri
Bidh na Cùmhnantan agus Riaghailtean air an riaghladh agus air am mìneachadh a rèir Laghan na h-Alba, agus ma dh’èireas cùis-lagha sam bith ’s ann fo rian chùirtean na h-Alba a thèid an rèiteach.
Ceistean
Ma tha ceist sam bith agaibh, leigibh fios le ur toil gu admin@mygaelic.com.