User ProfileUser Profile - Harry MacKinnon
About meAbout me
Rugadh mi anns a' Chaisteal Nuadh agus thugadh an dà chuid ann an Cathair Luathail agus anns an Eilean Mhuileach mi. Is ann de sheann stoc Muileach a tha mi air taobh m' athar, ged a rugadh e-san ann am Baile Ghlaschu. Is ann ás Eilean Ghiugha a bha muinntir mo mhàthar, ged a chaidh a togail-se ann am Baile Ghobhainn.
Chaidh mo ghairm don arm ann an 1943 agus mi dìreach air an sgoil fhàgail. Air adhbhar agus gun robh mi a' fuireach le mo sheanmhair ann an Dearbhaig aig an àm (air sgàth a' Chogaidh) is ann dha na h-Argylls a ghabh mi.
Chaill mi cas ann an tùbaist dar a bha sinn a' tréineadh ann an Tòn Shasainn agus mar sin chan fhaca mi cogadh na h-Eòrp idir.
Chuir mi seachad a' chòrr de m' bheatha obrach ag obair air cùl deasga an seo ann an Cathair Luathail.
Bu dual dhomh a bhith a' seinn agus bàird air gach taobh de m' shinnsireachd. Dh'fheuch mi air a' bhonn òir trì tursan ach cha do shoirbhich leam. Thuirt m' athair aig an àm gur a h-e am blas Sasannach air mo chuid Beurla a chùm am bonn bhuam ach cha 'n 'eil fios agam. 'S i cainnt glùin mo mhàthar agus gualainn m' athar a' Ghàidhlig agus mi tha pròiseil áisde.
Tha mi a nise 83 bliadhna a dh'aois agus tha mi a' fuireach ann an taigh "dìonta" ann an Cathair Luathail le m' mhnaoi ùir Mariya. Ban Ruiseanach i, le ceum urramach ann an cunntasaireachd a chrìochnaich i an-uiridh. Phòs sinn o chionn mìos, agus tha i air obair fhaighinn ann an Sainsbury's.
- Username: harrymackinnon
- Member since: 20th February, 2009
- Location: carlisle

